Ceist mu Àranais

Gàradh Àranais
Image caption Tha an GMB agus Unite mì-thoilichte is iad ag ràdh gu bheil cùmhnantan a' dol gu companaidhean thall-thairis, seach gu gàraidhean mar Aranais.

Thog na h-aonaidhean ciùird an GMB, agus UNITE draghan mu chosnaidhean aig Gàradh Àranais ann an Leòdhas.

Dh'iarr iad coinneamh le Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, is iad a' cumail a-mach gu bheil cùmhnantan gan toirt do ghàraidhean thall-thairis seach do ghàraidhean an Alba.

Dh'innis BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air Aithris na Maidne Dihaoine gun tuirt Oifis a' Phrìomh Mhinisteir ris gu bheil iad gu math deònach coinneamh a chur air dòigh leis na h-aonaidhean.

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil an t-ùghdarras draghail dha-rìribh mu shuidheachadh a' ghàraidh, is e ag ràdh gu bheil timcheall air 50 neach air an obraichean a chall bho thoiseach na bliadhna.

Thug na h-aonaidhean rabhadh seachad gur dòcha gum feum Gàradh Àranais dùnadh rè ùine le dìth obrach.

Anns an Ògmhìos am-bliadhna, chaidh àireamh luchd-obrach Àranais sìos gu nas lugha na 15 duine is obair air a thighinn gu crìch.

Chaidh an làrach a chur an uair sin air stèidh cùraim is càraidh.