Cumhachd ga iarraidh a thaobh an iasgaich

Iasgair
Image caption Tha na comainn iasgairean ag iarraidh air an Riaghaltas beachdachadh air deich molaidhean a chuir iad fan comhair.

Tha Comainn Iasgairean anns h-Eileanan Siar, Sealtainn agus Arcaibh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cumhachd a thoirt dha na sgìrean fa leth airson iasgach a dhìon.

Tha a' bhuidheann a' sireadh coinneimh le Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, a bhruidhinn air molaidhean a th 'aca 'son cumhachd fhaighinn a thaobh mar a tha an gnìomhachas air a stiùireadh ann an sgìrean far a bheil e na phàirt chudromach den eaconamaidh.

'S ann sna sgìrean eileanach a thig mu chairteal cuid den iasg a ghlacar an Alba air tìr, agus 's ann a tha mu chairteal cuid nam bàtaichean agus nan cosnaidhean a tha sa ghnìomhachas an Alba stèidhichte.

Chuir na comainn iasgaich eileanach deich molaidhean air adhart airson an t-iasgach a riaghladh sna sgìrean eileanach, agus tha iad ag iarraidh gum beachdaich Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean, Derek MacAoidh, orra.

'S iad na molaidhean:

  • Còirichean traidiseanta iasgaich nan Eileanan, agus cothrom air raointean iasgaich aithneachadh
  • Inbhe "Eileanan Beaga Far a' Chosta a tha an Eisimeil air an Iasgach" a thoirt do na h-eileanan, a rèir Phoileasaidh Choitchinn Ath-leasaichte an Iasgaich
  • Bàtaichean ionadail a shaoradh bho riaghailtean iasgaich agus cumhachdan stiùiridh an Riaghaltais Albannaich - leithid Sgìrean Glèidhte Mara MPA
  • Cuibhreann cothromach de ghrantaichean iasgaich an AE, a tha a rèir cudromachd nan Eilean do dh'iasgach na h-Alba
  • Smachd air cìs Seafish sna h-Eileanan
  • Guth luachmhor a thaobh mhionaidean chùmhnantan aiseig eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr, agus a thaobh cò a' chompanaidh a thèid a thaghadh
  • Cead crìochan raointean iasgaich agus stiùireadh àrainneachail atharrachadh a-mach gu crìch an 12 mìle ma thogras iad
  • Saoradh bho riaghailtean Eòrpach air togail shoithichean ùra, agus leasachaidhean air soithichean, cobhair stàite agus deuchainnean airson tocsain mhaoraich
  • Dìon nas làidire an aghaidh truailleadh mara
  • Cuideam a bhith air cosnadh ionadail ann an co-dhùnaidhean dealbhachaidh air iarrtasan tuathanas-èisg ùra

"Bheir atharrachaidhean air riaghailtean an iasgaich buaidh chan ann a-mhàin air a' ghnìomhachas sna h-Eileanan, ach air na coimhearsnachdan iad fhèin, mar sin, feumaidh sinn dìon nas làidire a bhith againn air na còirichean traidiseanta againn," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

Thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill dhan ghnìomhachas, agus gu bheil iad air bruidhinn air a' chuspair seo mar thà, anns na còmhraidhean mu tuilleadh chumhachdan dha na sgìrean eileanach.