Buinn gu leòr an Jersey

Geamaichean nan Eilean Image copyright Other
Image caption Bha fìor dheagh là aig sgioba nan Eilean Siar Dimàirt.

Tha na buinn a' sior chàrnadh do sgioba nan Eilean Siar aig Geamaichean nan Eilean ann an Jersey às dèidh là air leth Dimàirt.

Bha bonn òir ann do Kara Hanlon san amar-snàimh agus i a' cuideachd a' stèidheachadh an ama as luaithe a-riamh anns na geamaichean san 200m breaststroke.

B' e sin a' chiad bhonn òir a bh' aig Kara anns na bliadhnaichean a bha i a' farpais ann an Geamaichean nan Eilean is feumaidh gun do chòrd e rithe gu mòr, là às dèidh dhi bonn airgid fhaighinn san 50m breaststroke Diluain, às dèidh dhi an t-àm as fheàrr a-riamh anns na geamaichean a stèidheachadh san fharpais sin cuideachd san iar-chuairt dheireannaich.

Bha bonn òir ann cuideachd Dimàirt do Dhonaidh MacLeòid air an trag 'san 800m.

Bhuannaich Donaidh an dearbh fharpais ann am Bermuda is e a' cur dìon air gu soirbheachail le bonn òir eile.

Cha robh sgioba nan Eilean Siar deiseil aige sin ge-tà.

Soirbheachas

Fhuair Eilidh NicChoinnich, tè eile a bha am measg nam bonn roimhe, bonn airgid sa 1500m agus fhuair Eve Carrington am bonn umha ann an cur na cloiche 's i a ga cur nas fhaide na chuir i fhèin riamh roimhe.

Nas tràithe air an-là, rinn Dòmhnall Walker bho sgioba nan Eilean Siar a' chùis air bonn a ghlèidheadh dhan bhuidhinn losgaidh airson a' chiad uair riamh aig na geamaichean. Choisinn Dòmhnall bonn-umha san fharpais ABT.

Cuideachd Dimàirt, chaidh Sgioba 4x100m nam ban aig na h-Eileanan Siar troimhe dhan chuairt dheireannaich, a bhios ann oidhche Haoine

Bidh sgioba nan Eilean Siar ag amas air soirbheachas a bharrachd Diciadain is Donaidh MacLeòid is Kara Hanlon am measg na bhios a' farpais.

Bidh agus na peathraichean Nic a' Phì, a rinn cho math Diluain.

Chìthear aithrisean eile à Jersey an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile