Itealain ann an cunnart

Tornado Image copyright PA
Image caption Chaidh innse don dithis phìleat Tornado sguir a dhìreadh, ach thathas a' tuigsinn gun robh iad troimhe-chèile leis an òrdan.

Fhuair rannsachadh gur dòcha gun robh plèanaichean ann an cunnart nuair a chaidh dà itealan tornado bhon RAF seachad air plèana trèanaidh Tucano san adhair os cionn Inbhir Nis na bu thràithe air a' bhliadhna.

Thuirt Bòrd Airprox na Rìoghachd Aonaichte gun robh coltas ann gun robh na pìleatan bhon RAF "troimhe-chèile" agus nach do rinn iad càil mu na rabhaidhean a thàinig bho luchd-iùil nam pleanaichean.

Thachair an tachartas "airprox" air 5mh an Gearran bha an dà itealan Tornado bho RAF Inbhir Lòsaidh, a' sgèith chun an iar-dheas tarsainn air Siorrachd Inbhir Narann a dh'ionnsaigh Inbhir Nis.

Thug luchd-iùil nam plèanaichean rabhadh dhaibh sguir a dhìreadh air sgàth 's gun robh iad a' gluasad a dh'ionnsaigh itealain trèanaidh Tucano a bha a' sgèith an taobh eile aig 10,000 troigh.

Chum na h-itealain Tornado orra a' dìreadh ge-tà, agus chaidh iad seachad air an Tucano mu leth mhìle chun na làimhe deise agus mu 100 troigh os a chionn.

Thuirt luchd-rannsachaidh bho Bhòrd an Airprox gun robh iad draghail nach do thuig gin den cheathrar phìleatan Tornado gu ceart, nuair a chaidh innse dhaibh sguir a dhìreadh.