Sgoiltean Sgitheanach gus fuireach fosgailte

Bun-Sgoil an t-Sruthain Image copyright Richard Dorrell/Geograph
Image caption Bha Bun-Sgoil an t-Sruthain am measg na bhiodh air dùnadh.

Chaidh cead a dhiùltadh do Chomhairle na Gàidhealtachd ceithir sgoiltean san Eilean Sgitheanach a dhùnadh.

Bha Riaghaltas na h-Alba air planaichean na Comhairle gus bun-sgoiltean an Aodainn Bhàin, Dhùn Bheagain, A' Chnuic Bhric agus t-an Sruthain a dhùnadh, a ghairm a-steach.

Tha Panal Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgòiltean a-nise ag ràdh nach do rinn a' Chomhairle an dleastanas fon lagh a thaobh co-chomhairle air a' ghnothach.

'S e seo a' chiad turas a tha am pànal, a stèidhich Riaghaltas na h-Alba am-bliadhna, air stad a chur air plana ùghdarrais.

Buannachdan

Bha an t-Ùghdarras a' cumail a-mach gum biodh buannachdan ann a thaobh foghlaim na cloinne agus dhan choimhearsnachd, a bharrachd air air airgead a chùmhnadh

Cha robh luchd-iomairt san eilean air an dòigh ge-tà, is dragh orra, am measg eile, mu cho fad 's a bhiodh aig sgoilearan ri siubhail, agus mun cho-chomhairle a rinn Comhairle na Gàidhealtachd.

Ghabh Panal Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgòiltean ri sin.

Fhuair iad nach robh dleastanas air a' Chomhairle riaghailtean ùra air co-chomhairle air sgoiltean a thàinig a-steach ann an 2014 a leantainn, oir bha iad air tòiseachadh air a' phròiseas mus deach an cur an sàs.

Dleasdanas

Fhuair iad, ge-tà, nach do rinn a' Chomhairle an dleastanas fo Achd nan Sgoiltean (Co-chomhairle) 2010.

Thuirt iad nach do rinn an t-ùghdarras co-chomhairle ach air an t-suidheachadh a chumail mar a tha e, air neo na sgoiltean a dhùnadh is sgoil ùr ann an Dùn Bheagain a chur nan àite.

Fhuair iad cuideachd gun robh laigsean sa cho-chomhairle a thaobh leithid uallach siubhail do chloinn agus a' bhuaidh air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Thuirt fear a bha ag iomairt, Tim Spencer, gu bheil aithisg a' Phanail a' dearbhadh gun robh an luchd-iomairt ceart a bhith ag ràdh nach e co-chomhairle cheart a bh' ann.

Fàg

Dh'iarr e gum fàg a' Chomhairle a-nise an gnothach aig a seo.

Chaidh fear de chomhairlichean an eilein, Hamish Friseal, às àicheadh gun do rinn a' Chomhairle bùrach den cho-chomhairle.

Thuirt e gur e bristeadh-dùil mòr a tha seo dhan Ùghdarras is gum feum iad a-nise meòrachadh air dè nì iad.

Tha 14 là aca ath-thagradh a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile