Còmhraidhean às ùr eadar an RMT agus Cal Mac

Bàt-aiseig
Image caption Bha dà thrian de sheirbheisean aiseig a' chosta an iar nan tàmh Dihaoine ri linn na stailce.

Thèid còmhraidhean a bharrachd a chumail Diluain eadar Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus na h-aonaidhean ann an oidhirp stailc eile a sheachnadh.

Bha dà thrian dha na seirbheisean aiseig air a' chosta an iar nan tàmh Dihaoine, 's luchd-obrach bho aonadh an RMT air stailc 24 uairean.

Chaidh an stailc a chumail 's dragh air aonadh an RMT mu na thachras dhan luchd-obrach aca ma thèid seirbheisean Chal Mac a thoirt dhan chompanaidh phrìobhaidich, Serco.

Tha an RMT a' sireadh ghealltanasan mu phàigheadh, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan.

Thèid ceannardan an RMT a Westminster Dimàirt airson coinneimh le Rùnaire a' Chaibineit.

A thuilleadh air sin tha aonadh an TSSA, a tha a' riochdachadh ceud de luchd-obrach oifisean Chal Mac, ag ullachadh airson baileat mu stailc a chumail iad fhèin aig deireadh na seachdain seo.