Duine a chaochail ga ainmeachadh

Published

Dh'ainmich Polis Alba an saighdear-mara a chaidh a mharbhadh ann an tubaist air an A9 Diluain.

B'e Anndra Dawes, 23.

Bha e stèidhichte aig Ionad a' Chabhlaich Rìoghail air Cluaidh.

Thachair an tubaist eadar ceithir carbadan aig an Aghaidh Mhòir dìreach às dèidh 3:00f Diluain.

Bha làraidh airm, làraidh HGV, làraidh chàraichean is càr an lùib na tubaiste.

Chaidh grunn dhaoine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir is bha an rathad dùinte fad 14 uairean de thìde fhad 's bha na Poilis a' rannsachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh