Fear-Gairm ùr a' Choimisein

Coimisean na Croitearachd
Image caption Tha neach-gairm ùr air Coimisean na Croitearachd.

'S e Cailean Ceannadach Fear-Gairm ùr Choimisean na Croitearachd.

Thèid Mgr Ceannadach an àite Susan Walker a dh'fhàg a dreuchd sa Chèitean.

Thàinig sin às dèidh do mhòr-chuid de na coimiseanairean bhòt-earbsa innte iarraidh.

Dragh

Bha cuid air dragh a thogail gun deach a cur san dreuchd bho thùs le Riaghaltas na h-Alba.

'Son a' chiad turais, fhuair na coimiseanairean fhèin air taghadh cò rachadh na h-àite is Mgr Ceannadach a' soirbheachadh às dèidh na bhòta.

Bha Mgr Ceannadach, a tha na chroitear ann an Colla, na choimiseanair bho 2012.

Chaidh I G Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach a thaghadh mar Iar Fhear-Gairm.

"Nuair a choinnich mi ri Coimisean na Croitearachd air a' mhìos a chaidh, thuirt mi gun robh mi airson obrachadh còmhla riutha, mar sin tha mi toilichte a ràdh gun robh e comasach dhomh taic a chur ris a' mholadh aca a thaobh neach-gairm ùr a thaghadh", thuirt Ministear na Croitearachd, Aileen NicLeòid.

Fiughair

"'S e toiseach-tòiseachaidh ùr a tha seo dhan Choimisean is tha fiughair orm gun obraich sinn còmhla gus reachdas agus riaghladh na croitearachd a chur an sàs", thuirt i.

Leis gun robh Cailean Ceannadach na choimiseanair mar-thà, chan eil ann ach ochdnar dhuibh a-nise uile gu lèir.

Bidh Mgr Ceannadach san obair chun a' Mhàirt 2017 nuair a bhios an ath-thaghadh de choimiseanairean ann, is thèid tilleadh gu naoinear às dèidh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile