Ceist air adhbhar meud ghearraidhean

Beachdaichidh comhairlichean air Ghàidhealtachd Diardaoin air mar a tha a thrì uimhir de ghearraidhean aca ri dhèanamh 's a bha iad an dùil roimhe thairis air an ath-thrì bliadhna.

Bha dùil gum biodh aca ri sàbhalaidhean de chòrr's £13m a dhèanamh, ach tha sin a-nis aig còrr is £40m.

Thuirt Stiùiriche Ionmhais na Comhairle, Derek Yule, gur e mar a tha iad a' faighinn nas lugha de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba, àrdachadh ann an cosgaisean pheinnsein agus àrachais nàiseanta, a bu choireach.

Bho 2010 tha Comhairle na Gàidhealtachd air gearraidhean de £90m a dhèanamh

Thuirt Àrd-Oifigear na Comhairle, Steve Barron, gun toir an suidheachadh buaidh air an luchd-obrach gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile