Nick Ross gu Dùn Dè

Nick Ross Image copyright Dundee FC
Image caption Tha Nick Ross air cùmhnant dà bhliadhna aontachadh le Dùn Dè.

Tha Nick Ross air Caledonian Thistle Inbhir Nis fhàgail is e air ainm a chur ri cùmhnant dà bhliadhna còmhla ri Dùn Dè.

Rugadh is thogadh Ross, 23, ann an Inbhir Nis is nochd e an toiseach sa chiad sgioba aig Caley Thistle an uair nach robh e ach 17.

Chluich e còrr is 150 geama ann am meadhan na pàirce dhan chluba bhon uair sin is thàinig e far na beingidh an uair a bhuannaich iad Cupa na h-Alba air a' mhìos a chaidh.

Dùbhlan ùr

Bha Ross tric air a' bheingidh san t-seusan a dh'fhalbh is ged a bha sgioba Inbhir Nis air cùmhnant ùr a thabhainn dha, cha bhi e na iongadh do mhòran gu bheil e air co-dhùnadh dùbhlan ùr a chur roimhe aig Pàirce Dens.

'S e Ross an ochdamh cluicheadair ùr a tha Pòl Hartley air a thoirt gu Dùn Dè anns an t-Samhradh seo.

'S e Nat Wedderburn bho Chowdenbeath an aon aodann ùr aig Caley Thistle aig an ìre seo is bidh Iain Hughes ag amas air an sgioba a neartachadh is seusan ùr air faire.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile