Cuireadh chun nan Eilean do dh'Amber Rudd

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' toirt cuireadh do Rùnaire Chumhachd Bhreatainn, Amber Rudd, a thighinn dha na h-Eileanan airson faicinn dhi fhèin cho soirbheachail 's a dh'fhaodadh cumhachd ath-nuadhachail a bhith.

Tha seo às dèidh draghan sa ghnìomhachas mun dòigh sa bheil an Riaghaltas a' gearradh nan taicean-airgid airson cumhachd na gaoithe air tìr.

Tha iad cuideachd a' dol a ghearain mun chall a tha SSE a' dèanamh air na h-Eileanan le prìsean àrda, dìth cheangail dealain cheart ri Tìr Mòr, agus mar nach eil iad a' cumail a' ghriod ionadail ann an deagh òrdugh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ged a tha dragh orra mar ùghdarras mun atharrachadh ann an subsadaidh do thuathan-gaoithe air tìr, gu bheil e den bheachd gu bheil Amber Rudd taiceil do phròiseactan ath-nuadhachail ann an sgìrean iomallach agus eileanach.