Iomairt-obrach Chal Mac air tòiseachadh

Cal Mac
Image caption Seo an suidheachadh a bhios ann Dihaoine is stailc air faire.

Thòisich luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a th' ann an Aonadh an RMT air iomairt-obrach.

Diùltaidh iad uairean a bharrachd a dhèanamh Diciadain is Diardaoin is thèid iad air stailc Dihaoine.

Tha mì-thoileachas ann mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan is cùmhnant ùr nan aiseagan a' dol a-mach gu farpais.

Thuirt an dà thaobh san eas-aonta gur e tàmailt a th' ann dhaibh.

Dh'innis Cal Mac gun tug iad tairgse gun cuireadh iad gealladh nach cailleadh duine an dreuchd an aghaidh an toil mar phàirt den tagradh aca 'son cùmhnant nan aiseagan, ma 's e is gun cuireadh an RMT an stailc dheth.

Dìon

Thuirt iad gun robh iad cuideachd deònach obrachadh còmhla ris an RMT gus aontachadh air brath sgrìobhte gus dìon a bharrachd a chur air luchd-obrach a thaobh chùmhnantan-obrach.

Thuirt an RMT gun robh fios aig Cal Mac mu na draghan aca aig toiseach a' Chèitein is gun robh iad fhathast gun freagairt cheart a thoirt seachad mun deidhinn.

Dh'fhàg iad air a' chompanaidh nach b' urrainn dhaibh air neo nach robh iad deònach na gealltanasan a bha a dhìth air an aonadh a thoirt seachad.

Tha Cal Mac a-nise air clàr-ama eadar-amail fhoillseachadh eadar an 24mh is an 26mh den Òg-Mhìos is dùil ri fiosrachadh a bharrachd bhuapa fhathast a thaobh Dihaoine.

Mar phàirt den chlàr-ama sin, bidh seòladh sònraichte aig 12:46m Disathairne eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil.

Faochadh

'S e faochadh a bhios an sin dhan fheadhainn a tha a' cur air dòigh Rèis Bharrathon ann am Barraigh Disathairne.

Bha iad air sgrìobhadh dhan RMT is iad ag ràdh gur e seo deireadh-seachdain cho trang 's a bh' aca is gum faodadh cròn mòr a bhith air a dhèanamh air eaconamaidh an eilein mura faigheadh daoine à Tìr Mòr ann 'son na rèise.

Tha Barrathon a-nise a' beachdachadh cuideachd air toiseach na rèise a chur air ais beagan cuideachd gus daoine a chuideachadh.

Fhuaireadh fuasgladh cuideachd dha lùth-chleasaichean às Uibhist a bha an dùil siubhail a Leòdhas Dihaoine gus a dhol còmhla ri sgioba nan Eilean Siar gu Geamaichean nan Eilean ann an Jersey.

Tha sgioba nan Eilean Siar a-nise air bàta sònraichte a chur air dòigh dhaibh.

Tha na h-uimhir de dhaoine eile ge-tà, air an toir an gnothach buaidh is gun chothrom aca siubhail Dihaoine.

Gluasad

Chaidh BP nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll an sàs san deasbad, is e ag ràdh gum bu chòir dhan RMT an stailc a ghluasad gu là air choireigin eile.

Thuirt Mgr MacNìll gur e deireadh-seachdain fìor thrang a tha seo is gun tig call ma thèid an stailc air adhart.

"Chan e builleach an stailc aca a sheachnadh, 's e an stailc aca a ghluasad. Tha mi a' smaointinn gum bu chòir dhaibh a ghluasad an-dràsta gus an cum iad orra le còmhraidhean", thuirt Mgr MacNìll.

"B' fheàrr leam gun innseadh an RMT ciamar a tha iad a' smaointinn gu bheil seo a' dol a chuideachadh Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn an cùmhnant a chumail", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile