Cead do bhùth ùr a' Ghearasdain
- Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean cead seachad airson bùth ùr M&S sa Ghearasdan.
Bidh a' bhùth stèidhichte aig leasachadh ùr air Rathad a Tuath sa bhaile.
Fhuair a' chompanaidh, Morbaine, cead an-uiridh airson leasachaidh luach £10m aig an làraich is iad ag ràdh gun gabhadh suas ri 150 cosnadh maireannach a stèidheachadh.
Chaidh dearbhadh mar thà gum bi bùithean aig Aldi is Home Bargains aig an làraich.
Buannachdan
Thuirt oifigich na Comhairle gun toireadh bùth M&S buannachdan dhan sgìre agus, le Tesco air plana 'son bùth a thogail aig a' Bhlàr Mhòr a tharraing, gu bheil àite ann airson leasachaidh eile.
Thathas an dùil gun tòisich obair-togail tràth an ath-bhliadhna agus gum bi na bùithean fosgailte ro àm na Nollaige.
Chuir fear de chomhairlichean Loch Abar, Bill Clark, fàilte air a' cho-dhùnadh.
Thuirt Mgr Clark gun deach stad a chur air leasachaidhean bùtha eile sa Ghearasdan rona seo, le call dhan sgìre, is gur e cothrom a tha san leasachadh seo na "mearachdan" sin a chur ceart.