Cead do raon-goilf ùr an Inbhir Nis

Raon-Goilf Thòrr Bheathain Image copyright Dave Fergusson / Geograph
Image caption Feumar Raon-Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad mar phàirt de de phròiseact gus ceangail-rathad an iar air Inbhir Nis a thogail.

Thug comhairlichean cead seachad 'son raon-goilf ùr le 18 tuill an Inbhir Nis.

Cosgaidh an raon, a tha na phàirt den phròiseact gus ceangail-rathad an iar air Inbhir Nis a thogail, £7.5m.

Feumar Raon-Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad mar phàirt den phròiseact sin gus àite a dhèanamh dhan rathad.

Thèid an raon ùr a thogail air pìos den raon a th' ann agus talamh àiteachais

A bharrachd air an raon fhèin, bidh togalach chluba ùr ann agus pàirce chàraichean.

Gheibhear dhan raon bho rathad ùr far Rathad an t-Seanalair Booth.

Tòisichidh obair air an raon an 2016.

Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Jimmy Gray, gum bi an raon ùr nas fheàrr na am fear a th' ann an-dràsta, is gum faigh tòrr dhaoine ann an Inbhir Nis buannachd às anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile