Bile an Fhearainn air fhoillseachadh

Fearann
Image caption Chuir am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, am bile aig cridhe a' chiad chlàr-reachdais aice san dreuchd.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bile gus cruth-atharrachadh a thoirt air lagh an fhearainn Dimàirt.

Bheireadh am bile cumhachd do mhinistearan toirt air cuid de dh'uachdarain am fearann aca a reic ma thathas a' meas gu bheil iad a' cur bacadh air leasachadh a bhiodh a chùm maith na coimhearsnachd.

Chuir am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon am bile aig cridhe a' chiad chlàr-reachdais aice san dreuchd.

Tha i ag ràdh gu bheil molaidhean a' bhile a dhìth gus an toir fearann na h-Alba buannachd do mhòr-chuid seach beag-chuid de dh'Albannaich.

Tha cumhachd a bhith aig ministearan gnothach a ghabhail ri sealbh fearainn connspaideach, mar a bhitheas am plana gus stad a chur air faochadh bho chìse ghnothachais do dh'oighreachdan seilge - rud a tha uachdarain ag ràdh a chuireadh às do chuid de dh'oighreachdan seilge, 's a bheireadh cosnadh bho gheamairean.

Thuirt an Riaghaltas Albannach gun deadh an t-airgead a thigeadh o na h-oighreachdan sin a chur ri bhith a' leudachadh Stòras Fearainn na h-Alba bho £3m gu £10m sa bhliadhna ro 2016, a chuidicheadh le coimhearsnachdan eile a dh'iarradh an cuid fearainn a cheannach.

Tha na Tòraidhean sa Phàrlamaid agus buidhnean uachdaran taobh a-muigh, air na planaichean seo a chàineadh mar thà.

"Land Grab"

Tha cuid air a shamhlachadh ris an "land grab" a rinn Raibeart Mugabe ann an Zimbabwe.

"Bha an aon sheòrsa cainnt ann nuair a bha Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn air a chur air adhart ann an 2003, agus tha mi duilich a ràdh gu bheil cuid air an làimh dheis anns na meadhanan, agus cuid de thuathanaich a' smaoineachadh gu bheil e a' dèanamh feum dhaibhsan a bhith a' cleachdadh an t-seòrsa cainnt sin mu dheidhinn "land grab," thuirt an Dtr Calum MacLeòid, a tha na eòlaiche air gnothaichean fearainn.

"Chan eil a' chainnt sin feumail, no a' dèanamh feum sam bith airson cùisean a phutadh air adhart.

"Cuideachd, na rudan a th' anns a' bhile a tha seo, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad ag amas air gnothaichean eadar an talamh agus muinntir na h-Alba a shlaodadh a-mach às an 18mh Linn, agus a-steach dhan 21mh Linn.

"Ma tha iad a' coimhead radaigeach, tha iad radaigeach ri linn mar a tha sealbh prìobhaideach an fhearainn ann an Alba - tha dàrna leth den talamh phrìobhaideach ann an Alba le 432 duine - tha e a' coimhead radaigeach seach gu bheil am pàtran sin cho deireannach an taca ri àiteachan eile san Roinn Eòrpa agus anns an t-saoghal, chanainn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile