Call na h-Iolaire gu bhith air a chomharrachadh

Cladh
Image caption Chaill 205 duine am beatha ann an tubaist na h-Iolaire faisg air Steòrnabhagh is iad a' tilleadh dhachaigh bho uabhas a' Chogaidh Mhòir.

Thoisich còmhraidhean mu oidhirp shònraichte a dhèanamh gus comharrachadh ceud bliadhna bho thachair uabhas na h-Iolaire.

Chaidh an soitheach fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 a bha air bòrd am beatha.

Tha trì bliadhna gu leth ann fhathast mus bidh an ceann là ann ach tha ullachadh air tòiseachadh mar thà.

Chan eil sin ach iomchaidh, a rèir Dhòmhnaill Mhàrtainn a tha air a' chomataidh stiùiridh.

Image caption Thathas an dùil a' charragh-cuimhne seo agus an talamh mun cuairt oirre a sgioblachadh is a leasachadh gus an tèid na 100 bliadhna a chomharrachadh.

"Tha mi a' creidsinn nach robh tubaist aig an robh uiread de bhuaidh air teaghlaichean, air coimhearsnachdan, air eileanaich ann an Leòdhas is na Hearadh, ri call na h-Iolaire agus tha e freagarrach is iomchaidh gu bheil sinn a' beachdachadh air rudan a dhèanamh airson 100 bliadhna a chomharrachadh", thuirt Dòmhnall.

"Chan e a-mhàin na rudan a tha sinn a' dol a dhèanamh aig ìre ionadail, ach tha comataidh nàiseanta, pànal comharrachaidh a' Chiad Chogaidh, tha iad sin air aontachadh gur e seo an tachartas mu dheireadh a bhios ann an sreath nam prògraman.

"Air sgàth sin, tha mi a' creidsinn gu bheil e iomchaidh gum bi an tubaist a' faighinn inbhe aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta", thuirt e.

Ged a tha na còmhraidhean air tòiseachadh, 's ann aig ìre thràth a tha an gnothach fhathast.

Tha teans gun coimhead a' chomataidh-stiùiridh air cuid de na rudan eile a tha air a bhith a' dol air adhart gus 100 bliadhna o thoiseach a' Chogaidh a chomharrachadh gus am faigh iad beachd no dhà air dè dh'fhaodadh a bhith freagarrach.

Image caption Thèid na tachair a chuimnheachadh aig ìre nàiseanta cuideachd.

"A' dol air ais dhan rud a bha sinn a' dèanamh bho chionn dà mhìos airson a bhith a' comharrachadh Gallipoli ann an Leòdhas, sin an t-seòrsa template, chanainnsa, a bhiodh sinn a' leantainn.

"Bha taisbeanadh againn is tha mi a' creidsinn gum bi taisbeanadh ann, chanainn ann am baile Steòrnabhaigh is chan ann a-mhàin taisbeanadh sa bhaile ach taisbeanadh anns na coimhearsnachdan oir tha mi cinnteach gum bi a h-uile comann eachdraidh aig a bheil stuth is sgeulachdan is dealbhan is rudan eile, bhiodh iadsan airson com-pàirt a ghabhail ann an rud sam bith a tha a' tachairt.

Thathas an dòchas cuideachd obair a dhèanamh air a' charragh-chuimhne a th' ann, an talamh mun cuairt oirre agus an t-slighe thuice.

Beachdaichidh a' chomataidh-stiùiridh air càite am faigh iad airgead gus an obair a sin a dhèanamh.