Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

22 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Dh'aontaich Banca na h-Eorpa an-diugh tuilleadh airgid a thoirt air iasad dhan Ghrèig agus dh'èirich luach nan earrannan air na margaidhean Eòrpach le coltas gum faodadh aonta a bhith ann 'son a' Ghrèig a chumail anns an airgead shingilte Eòrpach. Tha coinneamh èiginneach anns a' Bhruiseal an-diugh far am bi ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a 'deasbad a' phlana as ùire agus cuideam air a' Ghrèig iasad de chòrr's £1b a thoirt air ais dhan IMF ro dheireadh na mìos seo.

Prìosan ùr

Thèid prìosan ùr do bhoireannaich, le àite do 80 prìosanach, a thogail an àite a' phrìosain nàiseanta aig Cornton Vale faisg air Sruighlea. Thàinig an naidheachd bho Mhinistear a' Cheartais, Mìcheil MacMhathain, dìreach còig mìosan an dèidh dha stad a chur air plana 'son prìosain ùr ann an Inbhir Chluaidh le àite do 300 boireannach. Thèid còig prìosain roinneil nas lugha a thogail ann an sgìrean eile, le àite annta sin do 20 boireannach.

Ionnsaigh

Thuirt poilis ann an Afghanastan gun do chuir iad stad air ionnsaigh Taliban air togalach na pàrlamaid ann an Kabul. Chaidh sianar de na Taliban a mharbhadh ach tha e coltach gun tàinig na builll-pàrlamaid gu lèir às gu sàbhailte.

Deasbad

Tha a' chiad dheasbad poblach ann a-nochd ann an Dùn Èideann eadar an dithis a tha a' seasamh 'son dreuchd a' cheannaird air na Làbaraich ann an Alba, na buill ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ken Mac an Tòisich agus Kezia Dugdale. Tha triuir ag amas air obair an leas cheannaird, Ceannard Comhairle Baile Ghlaschu, Gòrdan MacMhathain, agus dithis bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ridseard Baker agus Ailig Rowley.

Stailc

Tha tuilleadh chòmhraidhean ann an-diugh eadar an t-aonadh RMT agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus luchd-obrach ag ullachadh 'son stailc Dihaoine. Thuirt an dà thaobh gun do rinn iad adhartas an uair a choinnich iad an t-seachdain seo chaidh. Tha an RMT ag iarraidh gealltanas mu chosnaidhean, cùmhnantan obrach agus peinnsean agus Riaghaltas na h-Alba a' cur sheirbhisean aiseig a-mach gu farpais.

MG Alba

Tha craoladh na Gàidhlig a' cur £23m gach bliadhna ri eaconomaidh na Alba, a rèir aithisg bhliadhnail MG Alba. Tha a' bhuidheann a tha a' ruith BBC Alba còmhla ris a' BhBC, ag ràdh gu bheil còrr 's 20 companaidh riochdachaidh a' faighinn cosnadh bhuapa ach gum feum na riochdairean sin taic 'son an àite air a bheil i airidh a thoirt dhan Ghàidhlig.