Bratach ùr Ghallaibh
- Air fhoillseachadh

Faodar taghadh a dhèanamh eadar ceithir diofar bhrataichean
Tha cothrom aig muinntir Ghallaibh taghadh dè a' bhratach ùr as fheàrr leotha airson na sgìre.
Chaidh na ceithir diofar bhrataichean a thaghadh le panal-breithneachaidh ann an Inbhir Ùige às dèidh dhaibh tagraidhean fhaighinn bho air feadh an t-saoghail.
Tha na brataichean a' togail air ìomhaighean a tha a' nochdadh ann an dualchas na sgìre
'S e am poball fhèin a roghnaicheas a-nis dè an tè as fheàrr leotha.
Faodaidh duine sam bith, a tha nas sine na còig bliadhna a dh'aois, hòtadh san fharpais le bhith a' cur fios gu Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an fharpais fosgailte do dhaoine ann an àite sam bith
Feumaidh bhòtaichean a bhith staigh ro 4f air Dihaoine, an 31mh là dhen Iuchar.