
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
"Cùmaibh seirbheisean aiseig san roinn phoblaich"
18 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig
Tha buill de Chomhairle nan Eilean Siar air iarraidh air an Riaghaltas gun a bhith a' leigeil le seirbhisean aiseig air a' chosta an iar a dhol dhan roinn phrìobhaidich.
Thàinig seo agus aonadh an RMT ag ràdh gun tèid luchd-obrach nan aiseagan air stailc seachdain Dihaoine.
Tha buill ag ràdh gu bheil eagal orra gun tèid seirbheisean a ghearradh ma gheibh a' chompanaidh SERCO an cuùmhnant ùr, 's iad ag ràdh nach leigeadh an cùmhnant a leas a bhith air a dhol gu tairgse bho thùs.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.