Adhartas le iomairt Bhùth Thiriodh

Thèid a' bhùth ann an Crosabol ann an Tiriodh a chur a-mach air màl leis a' choimhearsnachd, às dèidh dhaibh £141,000 fhaighinn bho Stòras an Fhearainn airson a ceannach.

Bha Urras Thiriodh an toiseach am beachd a' bhùth a ruith iad fhèin, ach cho-dhùin iad gum biodh e na bu sheasmhaich a leigeil a-mach air màl gu buidhinn phrìobhaidich.

Thuirt Donna NicIlleathain bhon Urras gur e ceum cudromach a bh' ann dhaibh, an t-airgead seo fhaighinn.

"Tha sinn air a bhith ag obair air a' phròiseact airson còrr is dà bhliadhna a-nis, agus bha sinn uabhasach toilichte gun robh ar tagradh airson airgid soirbheachail," thuirt i.

Thàinig cnap eile den airgead a bha a dhìth bho chrann-ghaoithe air an eilean.

Ùidh sa choimhearsnachd

Tha iad a-nis gu bhith a' sireadh iarrtasan bho dhaoine anns a' choimhearsnachd a dh'fhaodadh a' bhùth a ghabhail os làimhe.

Chan eil ach an aon bhùth air fhàgail air an eilean bho dhùin bùth I & F MhicLeòid - an tè a thathas a' ceannach - bho chionn bliadhna.

Thuirt Donna NicIlleathainn gu bheil feum air bùth eile.

"Tha tòrr dhaoine a' tighinn dhan eilean airson an saor-làithean agus chan eil mìse den bheachd gu bheil aon bhùth gu leòr airson a h-uile duine - tha feum againn air bùth eile".

Thèid prothaidean sam bith a thig às an seo a chosg air pròiseactan coimhearsnachd eile ann an Tiriodh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile