Peathraichean à Inbhir Nis a dhìth

Kamila agus Natalia Michalowicz
Image caption Kamila agus Natalia Michalowicz a tha a dhìth.

Dh'iarr na Poilis cuideachadh ann a bhith a' feuchainn ri lorg fhaighinn air dithis pheathraichean a tha a dhìth bho an dachaigh ann an Inbhir Nis.

Chaidh Kamila Michalowicz, 15, a dhìth Diluain agus Natalia, 14, Dimàirt.

Thuirt na Poilis gun deach am faicinn còmhla aig stèisean rèile Inbhir Nis Dimairt.

Tha Kamila còig troighean agus ceithir òrlaich de dh'àirde, le falt donn a tha an ìre mhath fada.

Tha Natalia còig troighean agus còig òrlaich de dh'àirde agus tha falt fada donn oirre-se.

Bha geansaidh bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus "leggings" dubh air an dithis.

Thuirt neach-labhairt dha na Poilis gun deach na peathraichean fhaicinn mu dheireadh mu 5:30f Dimàirt aig stèisean-rèile Inbhir Nis.

"Tha sinn a' tuigsinn gur dòcha gu bheil Natalia agus Kamila ann an sgìre na h-Aghaidh Mòire."