Luchd-obrach ChalMac air stailc an ath-sheachdain

Bàt-aisieg Image copyright Richard Sowersby
Image caption Tha CalMac ag ràdh gu bheil còmhraidhean fhathast a' leantainn.

Thèid luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a tha ann an aonadh an RMT air stailc an ath-sheachdain.

Tha dragh air an aonadh, a tha a' riochdachadh mòran den luchd-obrach, gun tèid seirbheisean aiseig taobh siar na h-Alba dhan roinn phrìobhaidich agus gun toir sin buaidh air na buill aca.

Thug Riaghaltas na h-Alba cuireadh dha CalMac agus a' chompanaidh phrìobhaideach Serco tairgse a dhèanamh airson nan seirbheisean.

Thèid an cùmhnant, a mhaireas suas ri ochd bliadhna, a thoirt seachad an ath-bhliadhna.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gum feum iad na seirbheisean a chur a-mach gu tairgse fo riaghailtean Eòrpach.

Thuirt iad nach eil na seirbheisean gan cur dhan roinn phrìobhaidich idir agus gum bi na bàtaichean agus na puirt fo shealbh an Riaghaltais ge bi cò a gheibh an cùmhnant.

Thuirt an RMT gu bheil iad air stailc a ghairm 's e air faileachadh air CalMac gealltanasan a thoirt dhaibh mu obraichean, cùmhnantan-obrach agus peinneansan.

Dh'innis an t-aonadh gum bi na buill aca air stailc eadar 00:01 agus 23:59 Dihaoine an 26mh den Ògmhìos.

A thuilleadh air sin tha iad air iarraidh air an luchd-obrach gun uairean a bharrachd a dhèanamh eadar 00:01 Diciadain agus 23:59 Diardaoin den Ògmhìos.

Thuirt CalMac gu bheil iad a' tuigse cho cudromach 's a tha seirbheisean aiseig dha na coimhearsnachdan a tha iad a' frithealadh.

Cumaidh iad còmhraidhean leis na h-aonaidhean Diardaoin, thuirt iad, far an tèid draghan nam ball a dheasbad.