Fianais mu Bhile an Fhoghlaim

Air fhoillseachadh
fo-thiotal a’ bhidioFianais mu Bhile ùr an Fhoghlaim

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Caimbeul, nach eil esan, aig an ìre seo co-dhiù, a' toirt prìomhachas do chòirichean laghail do phàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Chuireadh Bile ùr an Fhoghlaim dleasdanas air ùghdarrasan ionadail rannsachadh a dhèanamh mu a bhith a' stèidheachadh ionad Gàidhlig ann an sgoil nuair a dh'iarradh pàrantan an goireas.

Ach thuirt Mgr Caimbeul ged 's e sin rud air am bheil iad ag amas air a' cheann thall gur e a' leudachadh agus a' neartachadh a' chànain an rud as cudthromaiche an-dràsta.

Bha Mgr Caimbeul a' toirt fianais do Chomataidh an Fhoghlaim agus a' Chultair ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Briseadh dùil

Tha Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba, buidheann a tha a' riochdachadh a' chuid as motha de chomhairlean na h-Alba, mur tha air teaghamh a thogail mun mholadh.

Tha dragh orra, tha iad ag ràdh, gum bi pàrantan a' faighinn briseadh dùil leis nach bi airgead a bharrachd aig comhairlean son am poileasaidh a chuir an às.

Thuirt iad cuideachd gu robh gainnead thidsearan Gàidhlig na dhuilgheadas.

A thuilleadh air a sin thuirt iad gu robh dragh orra gum biodh am pròiseas airson co-dhùnadh càite am bu chòir ionad Gàidhlig a stèidheachadh a bhith gu math toinnte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo