Tubaist rathaid air an A9

Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal an Inbhir Nis às dèidh tubaist rathaid air an A9 faisg air a' bhaile feasgar Dihaoine.

Thachair an tubaist le càr agus 4x4 air an rathad a' dol gu deas aig Deimhidh.

Chaidh an rathad - a' dol gach taobh - a dhùnadh gus an deigheadh sgrùdadh a dhèanamh.