Taic ionmhais dha coimhearsnachdan

Machair Bharbhais Image copyright Geograph/Vanhercke Christiaan
Image caption Bhòt muinntir Oighreachd Bharbhais am fearann a cheannach sa Ghearran.

Dh'innis Storàs Fearainn na h-Alba gun teid faisg air millean not a roinn eadar trì coimhearsnachdan eileanach.

Tha an stòras ag ràdh gum faigh Urras Sgìre Oighreachd Bharbhais £715,000, a leigeas leotha còrr is 14,000 heactair do thalamh croite agus ionad àrach èisg a cheannach.

Thuirt Aonghas MacLeòid, bho Urras Sgìre Oighreachd Bharbhais gu robh stiùirichean an urrais air an dòigh glan leis an taic airgid.

"Tha seo a' toirt cothrom dha muinntir Oighreachd Bharabhais co-dhunaidhean a dhèanamh iad fhèin mu ghnothaichean coimhearsnachd ann an dòigh adhartach," thuirt Mgr MacLeòid.

Gheibh Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Bheàrnaraigh ann an Leòdhas £100,000 bhon stòras a chuidicheas iad le a bhi a' ceannach Oighreachd Bheàrnaraigh.

Tha an stòras ag ràdh gun tèid pàirt den airgead a chleachdadh airson oifigear-rianachd agus manaidsear coimeirsealta pairt-ùine fhasdadh.

Bidh Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh a' faighinn £141,000 airson seann bhùth ann an Crosabol agus an talamh mu thimcheall air a thoirt fo shealbh a' phobaill.

Thuirt Andaidh Wright, bhon urras, gu robh iad an dòchas gum biodh cuideigin aca a' ruith na bùth as t-samhradh.

Dhùin a' bhùth an-uiridh.

Thuirt an t-urras gu robh cothrom aca a-nis tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh air an làraich.