Rabhadh mu sgìrean glèidhte mara

Thàinig rabhadh bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba gun toir na tha ga mholadh mar phàirt de sgìrean glèidhte mara fìor droch bhuaidh air cuid de choimhearsnachdan iasgaich a' Chost an Iar.

Dheigheadh leithid tràladh agus cladhach air grunnd na mara a' chuingealachadh fo na planaichean a th' anns an amhairc ann an grunn sgìrean.

Tha Rùnaire na h-Àrainneachd, Riseard Lochhead, ag ràdh nach bi cus buaidh air an iasgach, ach gum bi buannachd mhòr ann thar ùine-fhada do dh'Alba san fharsaingeachd.

Tha dùil gun tèid na planaichean a chur an sàs anns an Damhair.