Corp air a lorg faisg air Alanais

Chaidh corp a lorg ann an Coille Chnuic na Cùil faisg air Alanais air Taobh Sear Rois.

Thuirt na Poilis gun deach fios a chur gu teaghlach Anndra Mhic an t-Sutharlanaich, a bha a dhìth is dùil gun robh e anns an sgìre.

Chaidh an corp fhaighinn mu 23:00 Diciadain.

Thuirt na poilis nach eil càil amharasach mun bhàs.