Togail do thurasachd

Raon-goilf na Hearadh Image copyright Mike O'Shea/Geograph
Image caption Bidh Raon-goilf nan Hearadh am measg nan raointean air am bi an t-ùghdar Tom Coyne a' tadhal.

Thathas an dòchas gun tig buannachd do thurasachd goilf anns na h-Eileanan an Iar à turas sgrìobhadair Ameireaganaich an ath-sheachdain.

Cluichidh Tom Coyne raointean-goilf Bharraigh, Àsgarnais agus na Hearadh airson leabhar a tha e a' sgrìobhadh mu ghoilf ann an Alba.

Thuirt Manaidsear Eileanan VisitScotland, Ailean MacCoinnich: "Tha sinne air cuideachadh a thoirt dha airson cosgaisean a choinneachadh airson a bhith a' tighinn a dh'Alba agus airson treòireachadh a thoirt dha, agus tha sinn a' meas gu bheil seo a' dol a dhèanamh feum mhòr do thurasachd agus gu h-àraid airson nan eilean.

Image copyright www.kevinkirk.co.uk | www.recounter.co.uk
Image caption Cluichidh Tom Coyne còrr air ceud de raointean-goilf na h-Alba ann an 57 latha.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil seo a' dol a dhèanamh fàbhar mhòr dhuinn airson an toirt gu follais na raointean-goilf a th' againn anns na Hearadh, ann am Barraigh agus ann an Uibhist, is gu h-àraid Àsgarnais a bh' air a stèidheachadh leis an t-Seann Tom Morris, a tha iomraiteach air feadh an t-saoghail airson na raointean-goilf a suidhich e."

'S e 'A Course Called the Kingdom: in Search of Scotland, a Secret and a Jug' an t-ainm a bhios air an leabhar aig Tom Coyne.

Tha e na ùghdar agus na fhear-naidheachd agus tha e air mòran leabhraichean a reic thairis air na bliadhnaichean.

Cluichidh e air còrr air ceud de raointean-goilf na h-Alba ann an dìreach 57 latha.

Bha Mgr Coyne ag ràdh gu bheil e a' coimhead air adhart ris an turas aige dha na h-eileanan, is e ag ràdh gu bheil deagh ainm aig an sgìre airson raointean-goilf agus na seallaidhean brèagha a tha timcheall orra.