Gearain mu dhachaigh-cùraim san Eilean Sgitheanach

Chaidh gearain oifigeil a chur gu Buidheann Sgrùdaidh a' Chùraim mu dhachaigh-cùraim ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Tha cuid air a bhith a' gearain mu dhachaigh-cùraim na h-Acarsaid san Ath Leathann bho nach eil biadh air a dheasachadh anns an togalach fhèin.

'S ann bhon ospadal, beagan shlatan air falbh bhon dachaigh-cùraim a tha am biadh aca a' tighinn.

'S e an Comhairliche Sgitheanach Hamish Friseal a chur gearain chun na buidhne.

Thuirt fear-labhairt bho Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na dàchaigh gu bheil Mgr Friseal air draghan a thogail leotha mun bhiadh agus gu bheil iad ag obair còmhla ris an luchd-obrach agus a' cumail sùil gheur air ìre a' bhìdhe.