Buidheann riaghlaidh ùr do Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha dùil gu stèidhich comhairlichean neo-eisimeileach aig Comhairle na Gàidhealtachd buidheann riaghlaidh ùr gu foirmeil Diardaoin.

Air a' mhìos a dh'fhalbh, dh'fhàg na Lib Deamaich a' cho-bhanntachd a bha an SNP a' stiùireadh agus bha riaghladh na comhairle bho 2012.

Às dèidh lathaichean de chòmhraidhean, tha na Neo-eisimeilich air ceumannan a ghabhail a-nis gus buidheann riaghlaidh ùr a stèidheachadh.

Thèid a' chùis a dheasbad le comhairlichean agus bidh bhòt ann aig coinneamh shònraichte an Inbhir Nis.