Bhòt buill an RMT aig CalMac airson stailc

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Bhòt 82% de luchd-obrach Chal Mac, a tha buill san RMT son stailc.

Coinnichidh ceannardan aonadh an RMT Diardaoin an dèidh mar a bhòt 82% de luchd-obrach ChalMac, a tha nam buill dhan aonadh, airson a dhol air stailc.

Bha 88% dhen luchd-obrach deònach a dhol an sàs ann an iomairt obrach goirid air stailc.

'S ann mu dheidhinn tèarainteachd obraichean, ìrean pàighidh agus cùmhnantan obrach a tha an t-eas-aonta eadar CalMac agus aonadh an RMT.

Tha an RMT ag ràdh gun do ràinig cùisean ìre far nach robh roghainn aca ach baileat a chumail am measg nam ball aca.

Thuirt rùnaire an aonaidh, Mick Cash, gu robh buil na bhòt gu math soilleir, ach gum biodh iad deònach fhathast a dhol an sàs ann an comhraidhean a dh'fhaodadh an eas-aonta a thoirt gu ceann.

Ann am brath-naidheachd, thuirt CalMac gu robh iad ag aithneachadh gu bheil duilgheadasan aig an luchd-obrach aca, ach gu bheil e ro thràth fhathast, nam beachd-san, a bhith a' bruidhinn air stailc neo iomairt obrach.

Ma thig e gu stailc, dh'fhaodadh sin troimhe-chèile mhòr adhbharachadh do luchd-siubhail air feadh a' chost an iar.