Farpais eadar CalMac is Serco

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air fiachadh a thoirt do dhà chompanaidh tagradh airson a bhith a' ruith sheirbheisean aiseig a' chosta an iar.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gum bi Aiseagan ChalMac Eta, agus Aiseagan Serco Caledonian Eta, a' farpais airson a' chùmhnant ùir ochd bliadhna a bhios a' rutih on Damhair 2016.

Feumaidh na tagraidhean deireannach a bhith a-staigh ron Dùbhlachd, agus tha dùil gun tèid innse anns a' Chèitean an ath-bhliadhna cò bhuannaich.