Bàta nas lugha thar Chaolas na Hearadh

MV Loch Portan
Image caption Tha an MV Loch Portan feumach air siostaman sàbhailteachd ùra.

Thàinig dearbhadh bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi bàta nas lugha a' frithealadh slighe-aiseig Chaolas na Hearadh bho Dhisathairne airson seachdain.

Tha an MV Loch Portan ga toirt far na slighe agus i feumach air obair-sgeadachaidh, agus siostaman sàbhailteachd ùra, leis an MV Loch Bhrùsda a' dol na h-àite.

Cha ghabh an Loch Bhrùsda ach 18 càraichean, an taca ris an Loch Portan a ghabhas 33.

Tha fear de Chomhairlichean Uibhist, Uisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil troimhe-cheile air fàire le trioblaidean ann mar thà do dhaoine na h-aiseagan a chur air dòigh.

Bucadh

Tha Cal Mac ag ràdh ge-tà gu bheil iad a' coimhead ri seòlaidhean a bharrachd a chur air an t-slighe, ri linn 's gur i bàta nas lugha a th' innte, no seibheis a bharrachd san là a chur air eadar an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

"Tha mi a' tuigsinn, airson siostam mar seo, gum biodh fhios aca o chionn suas ri bliadhna no dhà gun robh seo ri dhèanamh," thuirt An Comh. Robasdan.

"Carson nach deach seo a dhèanamh nuair a bha i air falbh airson an obair-càraidh aice co-dhiù?

"'S e àm cho gòrach 's a th' ann seo a dhèanamh, meadhan an t-Samhraidh, nuair a tha a h-uile duine air ais 's air adhart eadar gnìomhachasan, luchd-turais, 's muinntir an àite fhèin.

"Agus mar a tha an siostam an-dràsta, chan fhaigh thu bucadh idir.

"Tha sin a' dèanamh dragh dhuinn, ach cuideachd tha e a' dèanamh dragh dhuinn cho gòrach 's a tha e gu bheil iad a' dèanamh na h-obrach seo aig an àm seo, agus carson nach do rinneadh e toiseach na bliadhna far nach robh tòrr luchd-siubhail a' cur feum air an aiseag.

"Tha mi airson fhaighinn a-mach cuin a bha fhios aca gum feumte an obair seo a dhèanamh, agus an uair sin bidh sinn a' faighneachd cheistean carson nach do rinneadh aig àm caran dòigheil e.

"Tha mi a' dol gu coinneimh an-diugh sa mhadainn leis a' Chomhairle, agus tha mi airson gun cuir Stiùiriche Teicnigeach na Comhairle a' cheist seo," thuirt e.

Bidh an MV Loch Bhrùsda air an t-slighe seachdain, a' tòiseachadh Disathairne 13mh an t-Ògmhios.

Thuirt Cal Mac gu bheil dùil aca an dàrna cuid seòladh a bharrachd a chur air an t-slighe leis an Loch Brùsda, no seòladh a bharrachd leis an MV Isle of Lewis a chur eadar an Tairbeart 's Loch nam Madadh, 's gun cùm iad fios ri luchd-cleachdaidh nan aiseagan nuair a bhios an clàr-ama aca deiseil.