Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

HSBC

Caillidh 8,000 de na tha ag obair do HSBC ann am Breatainn an cuid chosnaidhean agus am banca a' gearradh timcheall air an t-siathamh cuid de luchd-obrach aca anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha HSBC cuideachd a' beachdachadh air ainm nam bancaichean sràide aca atharrachadh, ma dh'fhaoidte gan cur air ais fo sheann ainm na companaidh, am Midland.

Obar Dheathain

Thuirt poilis ann an Obar Dheathain gun deach teine an togalach flataichean ann an sgìre Torry den bhaile an-raoir a lasadh a dh'aona-ghnothaich. B' fheudar cobhair a dhèanamh air 21 duine a bh' air ceò a ghabhail air an anail, le triùir inbheach agus pàiste gan toirt dhan ospadal. Tha na Poilis a' rannsachadh a bheil ceangal eadar an teine seo agus fear eile a thòisich beagan mhionaidean rona sin taobh a-muigh bùtha Tesco. Tha iad cuideachd a' sireadh sianar dhaoine a chaidh fhaicinn anns an sgìre aig an àm.

Gasaichean Càrboin

Dh'fhàillich air Riaghaltas na h-Alba an targaid aca airson ghasaichean càrboin a choileanadh airson na ceathramh bliadhna sreath a chèile. Ann an 2013 thuit na chruthaich an dùthaich de ghasaichean millteach 3.6%. Ach cha robh sin mòr gu leòr airson an targaid oifigeil a ruighinn. Thairis air a' 25 bliadhna dh'fhalbh tha Alba air lùghdachadh de bheagan is 34% a dhèanamh air na tha i a' sgaoileadh de ghasaichean a tha a' cur ri blàthachadh na Cruinne. Tha Riaghaltas an SNP a' cur romhpa sin a ghearradh gu 42% ron bhliadhna 2020.

Am Morair Janner

Tha Poilis na h-Alba a' sgrùdadh chasaidean gun tug am Morair Janner ionnsaighean drabasta air balach fhad 's a bha e air làithean-saora anns an dùthaich seo anns na 70an. Tha e a' ciallachadh gum faodadh gun deadh casaidean a thogail an aghaidh a' mhorair Làbaraich ann an Alba fiù 's ged a thuirt Stiùiriche nan Casaidean Poblach ann an Sasainn 's a' Chuimrigh nach bu chòir dha a bhith air a thoirt gu lagh leis gu bheil e a' fulang le dementia. Tha am Morair Janner riamh air a dhol às àicheadh nan casaidean.

Referendum an AE

Tha dùil gun cuir Buill-Phàrlamaid cùl-taic ri bile an-diugh airson referendum a chumail air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Tha dùil gun tèid a' bhòt a chumail ro dheireadh 2017. Chaidh am Prìomhaire Dàibhidh Camshron às àicheadh gum feumadh ministearan an dreuchdan a leigeil dhiubh mura cuireadh iad cùl-taic ris an t-seasamh aigesan anns an referendum.

Buaireadh

Agus chaidh triùir fhireannach a chur an grèim leis na Poilis às dèidh tachartais ann an sgìre Bhaile a' Ghobhainn de Ghlaschu. Bha oifigearan armaichte am measg na chaidh a chur a dh'ionnsaigh na trioblaid air Sràid an t-Seathaich mu 04:14m an-diugh. Chaidh na h-uimhir de rathaidean mu thimcheall air an sgìre a dhùnadh airson greis air sàilleamh sprùillich an teis-meadhain na sràide.