Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lloyds

Chaidh càin £117m air Buidhinn Banca Lloyds airson droch làimhseachadh air gearainnean mu àrachas PPI. Seo an t-sùim as motha fhathast a chuir Ùghdarras Modh an Ionmhais air buidhinn nach do rinn an dleastanas do luchd-cleachdaidh.

Hagadh

Tha an FBI a' rannsachadh ionnsaigh air siostam coimpiutair air a bheil fiosrachadh pearsanta mu mhilleanan de luchd-obrach an Riaghaltais anns na Stàitean Aonaichte. Tha aithrisean ann gur ann à Sìona a thàinig an ionnsaigh, a thachair anns a' Ghiblean, ach thuirt Ambasaid Shìona ann an Washington nach eil dearbhadh sam bith ann air sin.

Gordonstoun

Tha tuilleadh chuideim air sgoil phrìobhaideach Ghordonstoun ann am Moireibh mu ionnsaighean drabasta aig Taigh Obar Lobhair aig aon àm. Tha fear a bha na sgoilear an sin ag ràdh gun deach tidsear a thug ionnsaigh air-san agus a chaill a dhreuchd air adhart an dèidh sin gu obair eile aig sgoil ann an Sasainn. Thuirt Gordonstoun gu bheil iad duilich mun t-suidheachadh sin, agus gu bheil iad cuideachd a' dèiligeadh ri casaidean mu rudan a thachair an sin aig aon àm.

Cabhsair na Fadhla a Deas

Tha an comhairliche Uibhisteach Uisdean Robasdan an dòchas gum bi adhartas gu math sgiobalta ann gu ruige fosgladh eile a chur san Fhadhail a Deas far an do chaill còignear às an aon teaghlach am beatha san stoirm mhòir ann an 2005. Chaidh dearbhadh an dèidh làimhe gun do chùm an cabhsair an làn air an taobh siar gu math nas àirde na bh' air an taobh sear air oidhche na stoirme. Feumaidh am fosgladh ùr a bhith 250 meatar de dh'fhaid air a' char as giorra, agus dh'fhaodadh a' chosgais a bhith cho mòr ri £20m. Tha an Comh. Robasdan na Chathraiche air a' bhuidhinn ùir a tha ag obair gu ruige sin.

Aiseagan Tiriodh

Chaidh innse do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn aig coinneimh ann an Tiriodh an-dè nach eil rùm gu leòr air na h-aiseagan aca agus nach eil iad a' seòladh tric gu leòr. Agus chaidh a ràdh gu bheil an trioblaid sin nas miosa buileach air an deireadh-sheachdain aig na h-amannan as trainge aig àirde an t-Samhraidh.