Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachd Ath-nuadhachail

Thàinig rabhadh bho Riaghaltas na h-Alba 's bho chompanaidhean cumhachd gun dèanadh plana airson gearradh air taic-airgid do thuathan-gaoithe air tìr cron uabhasach air cumhachd ath-nuadhachail, agus air eaconamaidh na h-Alba. Bha am plana sin ann am manifesto nan Tòraidhean, agus tha dùil ri fiosrachadh air bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dh'aithghearr. Sgrìobh Ministear Chumhachd an h-Alba, Fearghas Ewing, gu Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Amber Rudd, a' gearain nach eil fiosrachadh ga chumail ri Alba mu cho-dhùnaidhean a tha cudromach dhan ghnìomhachas.

Griod nan Eilean Siar

Chaidh innse do bhuidhnean coimhearsnachd sna h-Eileanan an Iar a th' airson pròiseactan ath-nuadhachail a chur air bhonn gu bheil an Griod làn an-dràsta. Dhearbh SSE nach eil rùm ann ach airson pròiseict 3.6KW gus an tig càball dealain ùr. Agus tha dragh ann fiù 's aig an sin nach bi an càball ùr ris a bheil dùil ann an 2020 mòr gu leòr.

FIFA

Dh'fhoillsich Roinn a' Cheartais sna Stàitean Aonaichte fianais bho fhear a bha na àrd-oifigeach ann am FIFA air coirbteachd aig meadhan buidheann-riaghlaidh a' bhuill-choise. Dh'aidich Chuck Blazer gun do ghabh e fhèin agus feadhainn eile airgead mus deach Cupa na Cruinne a thoirt do dh'Afraga a Deas ann an 2010, agus airson Cupa na Cruinne a thoirt dhan Fhraing ann an 1998.

Mo Farar

Chaidh comhairle a thoirt air an lùth-chleasaiche oilimpigeach Bhreatannach, Mo Farar, e dealachadh ri a choidse, Alberto Salazar, a tha fo amharas mu dhrogaichean mì-laghail. Tha rannsachadh a rinn am BBC ag ràdh gun tug Salazar testosterone dhan lùth-chleasaiche ainmeil Aimeireaganach Galen Rupp. Chaidh iad le chèile às àicheadh sin, agus chan eil fianais no beachd sam bith ann nas motha gun do rinn Mo Farar dad ceàrr.

Karen Buckley

Tha poilis ann an Glaschu a' coimhead airson boireannaich òig a dh'fhaodadh fiosrachadh cudromach a thoirt dhaibh mu mhurt Karen Buckley sa bhaile. Chaidh am boireannach ris a bheil iad ag iarraidh bruidhinn fhaicinn air Dumbarton Road anns a' bhaile tràtha ri madainn an 12na là den Ghiblean. Chaidh corp Karen Buckley, a bha 24 bliadhna de dh'aois fhaighinn ceithir là an dèidh sin air iomall a' bhaile. Chaidh Alexander Pactou, a tha 21 bhliadhna de dh'aois agus a bhuineas do Ghlaschu, mu choinneimh na cùirte fo chasaid mhuirt.

Rathad an t-Sròim

Dh'iarr coimhearsnachdan air taobh siar Rois air Riaghaltas na h-Alba airgead a chur ri leasachadh maireannach air seach-rathad an t-Sròim. Gu ruige seo tha an Riaghaltas air a bhith ag ràdh gur e Comhairle na Gàidhealtachd a dh'fheumas an obair sin a dhèanamh. Tha a' Chomhairle a-niste ag iarraidh coinneimh leis an Riaghaltas mun chùis. Tha Donnchadh Fearghasdan, seann cheannard Àrd-Sgoil a' Phluic, a tha a' fuireach anns an Achadh Mhòr, ag ràdh gu bheil a' choimhearsnachd a' fàs sgìth den t-suidheachadh a th' ann.