Caoineadh Theàrlaich

Cha bhi cothrom foirmeil aig buill na Pàrlamaid Albannaich urram a dhèanamh do Theàrlach Ceanadach - cha robh e fhèin a-riamh na bhall.

Ach 's e àite brònach a tha innte o chuala sinn gun do chaochail seann cheannard nan Libearalach Deamocratach, aig an taigh faisg air a' Ghearasdan, 's gun e ach lethcheud 's a còig bliadhna a dh'aois.

Aig amannan mar seo, fàgaidh an seann rabhadh de mortuis nihil nisi bonum gun sìn daoine a-mach airson nan abairtean sgìth a chluinnear ma na mairbh.

Anns an t-saoghal phoileataigeach, their iad gun robh caraidean aig an fhear a bhàsaich air gach taobh, gun robh e na nabaidh dha nàimhdean.

Èistear ris na h-abairtean seo le modh, agus thèid teagamh sam bith fhàgail na thost.

Ach dè as urrainn dhut a ràdh nuair a tha na seann bhreugan fìor?

Maitheanas

Chan e naomh a bha ann an Teàrlach Ceanadach, mar a bha làn fhios aige fhèin.

Ach thugadh maitheanas dhàsan nach faigheadh feadhainn eile.

Saoileam gum faca daoine na laigsean an aon rud 's a chunnaic iad na neartan, fianais gur e duine àbhaisteach a bha ann, tàlantach gu cinnteach, ach àbhaisteach, rud nach àbhaist do luchd nam pàrlamaid anns an latha a tha ann.

Cò dhinn, aig a' cheann-thall, nach b' aithne do chàirdean no do charaidean a dh'fhuilling leis na dearbh thrioblaidean a bhuail air Teàrlach?

Bha an Ceanadach mar bhall de bhuidhinn bhig anns a' bheatha phoblaich a b' aithne do dhaoine leis a' chiad ainm a-mhàin.

Mar sin, fiù 's don fheadhainn nach do thachair ris a-riamh, 's e caraid a tha ga chaoineadh.

Deas-bhriathrach

B' ann fo cheannas Theàrlaich, am fear ruadh a chaidh a thaghadh mar bhall an SDP aig aois 24, a bhuinnig na Libearalaich Dheamocratach an toradh taghaidh a b' fheàrr a bha aca a-riamh.

Tharraing e am pàrtaidh don làimh chlì, a' càineadh an riaghaltais Làbaraich aig Tony Blair, agus chòrd na chuala iad ris an luchd-bhòtaidh.

Bha e deas-bhriathrach anns na Cumantan, a' cur an aghaidh a' chogaidh ann an Iorac.

Nuair a dh'fhàg e a dhreuchd, ghabh am pàrtaidh aige slighe eile, nas Libearalaich na Sòisealach, agus lean iad Nick Clegg a-steach gu riaghaltas leis na Tòraidhean.

Thuig an Lib Deamach Gàidhealach, a bha ann nuair a thàinig na Libearalaich agus na Deamocrataich Shòisealach còmhla, gur e an sgrios a leanadh air sin.

Ged nach abair iad gu poblach fhathast, tha gu leòr a' faighneachd am biodh cùisean diofraichte nam b' urrainn do Theàrlach grèim a chumail air an stiùir.

Comhartail

Na dhòighean agus na bheachdan, bha Teàrlach coltach ri grunn mhòr dhaoine ann an Alba.

Na nàiseantach - am facal aige fhèin, ged a b'fheàrr leis 'Seumasach' - chunnaic e luach anns an Aonadh agus bha e comhartail a bhith na Albannach anns an Rìoghachd Aonaichte.

Chan e Sòisealach a bha ann, ach fear a chreid gum bu chòir Cothrom na Fèinne a thoirt don a h-uile duine, an cothrom a leig le mac fidhleir Ghàidhealaich faighinn gu ceann pàrtaidh Gladstone agus Lloyd George.

Cò a chuireas na beachdan sin an cèill a-nis?

An turas mu dheireadh a rinn mi agallamh leis, nuair a thuirt e gum b'fhiach iomairt an Aonaidh a bhith na bu deimhniche, dh'fhaighnich mi an seasadh e a chaoidh airson suidheachdain aig Holyrood.

Cha tachair sin a-nis - 's e beàrn mhòr a dh'fhàgas Teàralach na dhèidh.