Fòram Còmhdhail ùr dha na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh

Chaidh Fòram Còmhdhail ùr a stèidheachadh a bheachdaicheas air gnothaichean còmhdhail a bheir buaidh air na h-Eileanan.
Chaidh gabhail ris a' phlana aig coinneimh de Bhuidhinn Ghnìomha nan Eilean ann an Arcaibh.
Bithear a' beachdachadh air seirbheisean aiseig, adhair 's eile, agus air mar a ghabhas piseach a thoirt air a' cho-obrachadh eadar ùghdarrasan ionadail agus Còmhdhail Alba.
"A' coimhead air adhart"
Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e amas na buidhne ùire a bhith a' coimhead air adhart, seach a bhith a' dèiligeadh ri suidheachaidhean mar a dh'èiricheas iad.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin fear de na rudan a tha sinn air ionnsachadh anns na dhà neo trì bhliadhnaichean a chaidh seachad - gum bu chòir dhuinn a bhith a' coimhead pìos romhainn" thuirt e.
Tha a' bhuidheann HiTrans mar-thà a' dèiligeadh ri gnothaichean còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean ach tha Mgr. Dòmhnallach a' dèanamh dheth gu bheil buidheann ùr a dhìth a dhèiligeas ri feumalachdan sònraichte nan Eilean.
"Tha sinn air a bhith a' faicinn thairis air na bliadhnaichean, strì mhòr ga dhèanamh airson atharrachaichean bunaiteach a thoirt air còmhdhail anns na h-Eileanan agus tha sin air ùine mhòr a thoirt. Tha sinn a' smaoineachadh ma bhios a' bhuidheann seo ann - agus gu bheil an Riaghaltas mar phàirt mhòr dheth seo - gum bi e nas fhasa dhuinn gluasad air adhart le na rudan seo".
Coinnichidh a' bhuidheann ùr dà thuras sa bhliadhna, le riochdairean bho na diofar chomhairlean eileanach gu bhith an làthair.