Taigh-spadaidh dhan Eilean Sgitheanach

Laogh
Image caption Bheireadh taigh-spadaidh faochadh do chroitearan an Eilein Sgitheanaich a dh'fheumas an-dràsta am beathaichean a thoirt a dh'Inbhir Pheofharain airson an spadadh.

Tha dòchas ann gum faodadh taigh-spadaidh a bhith air a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach as t-Fhoghar an ath-bhliadhna.

Fhuair muinntir an eilein cothrom sùil a thoirt air na planaichean aig coinneimh oidhche Mhàirt.

Bheireadh taigh-spadaidh anns an Eilean Sgitheanach fhèin faochadh do chroitearan agus tuathanaich an eilein, seach a bhith a' falbh a dh'Inbhir Pheofharain airson beathaichean a spadadh.

Maoineachadh

Tha dùil gun cosg an taigh-spadaidh mu £2m aig a' cheann-thall.

Tha ceist ann fhathast cò às a thig maoineachadh air a shon ach thuirt cathraiche na buidhne-stiùiridh, Eachann MacLeòid, gu bheil iad an dòchas earrann dheth fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, agus gum bi iad cuideachd a' coimhead ri muinntir an eilein fhèin airson an cuideachadh.

Tha iad gu bhith ag iarraidh air daoine na chosgadh e dhaibh beathaichean a thoirt a dh'Inbhir Pheofharain a thoirt seachad dhaibh-san.

"Can gum biodh e a' cosg £200 sa bhliadhna dhaibh, dh'fhaodadh iad an t-airgead a chur a-steach dhan khitty mar a chanadh tu," thuirt e.

A thuilleadh air croitearan agus tuathanaich a dh'fhaodadh an taigh-spadaidh a chur gu feum, tha an fheadhainn a th' air cùl nam planaichean ag ràdh gu bheil taighean-bìdhe anns an eilean cuideachd ag iarraidh cothrom feòil ionadail a cheannach.

Thathas a' dèanamh dheth, ma shoirbhicheas leotha, gun cumadh an taigh-spadaidh £800,000 anns an Eilean Sgitheanach gach bliadhna eadar obraichean ùra agus beathaichean gan spadadh nas fhaisge air far an deach an àrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo