Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Andy Coulson

Chaidh Andy Coulson, a bha na dheasaiche air an News of the World, a shaoradh bho chasaid gun do dh'innis e breugan fo mhionnan nuair a thuit a' chùis-lagha na aghaidh. Thuirt am Morair Burns aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann an-diugh nach robh cùis aige ri fhreagairt, agus e a' gabhail ris an argamaid nach robh gnothach aig an fhianais a thug Mgr Coulson do chùis-lagha Tommy Sheridan ann an 2010, ri co-dhùnadh na cùirte sin.

Sepp Blatter

Tha Ceann-Suidhe FIFA, Sepp Blatter, ag obair mar as àbhaist an-diugh ann an Zurich dìreach là an dèidh dha innse gu bheil e a' fàgail a dhreuchd. Thuirt Mgr Blatter gum fuirich e san obair gus an tèid ceann-suidhe ùr a chur na àite ro dheireadh na bliadhna. Tha aithrisean sna Stàitean Aonaichte ge-tà, gu bheil an FBI a-niste a' rannsachadh Mhgr Blatter. A dh'aindeoin connspaid agus chasaidean mu choirbteachd agus foill ann am FIFA, tha Mgr Blatter riamh air a bhith a' dol às àicheadh gun do rinn e fhèin dad ceàrr.

Teàrlach Ceanadach

Thèid cothrom a thoirt do bhuill ann an Taigh nan Cumantan an-diugh luaidh a dhèanamh air Teàrlach Ceanadach, seann Cheannard nan Lib-Deamach, a chaochail a' bhòn-dè. Gheibh Buill-Phàrlamaid air gach taobh an cothrom sin an dèidh Cheistean a' Phrìomhaire - a' chiad Cheistean Prìomhaire sa Phàrlamaid ùir.

Bàtaichean-aigeann

Tha fiosrachadh a fhuair am BBC fo Achd na Saoirse Fiosrachaidh ag ràdh gun do chosg e cha-mhòr £16m thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh seann bhàtaichean-aigeann niuclasach Bhreatainn a stòradh. Tha 19 dhiubh sin nan laighe ann an Devon agus aig Ros Saoidhe ann am Fìobha. Tha luchd-iomairt a' togail dragh mu shàbhailteachd agus a' gearain mun ùine a tha e a' toirt am briseadh às a chèile. Thuirt Ministreachd an Dìon gu bheil iad a' toirt làn-aire do shuidheachadh nam bàtaichean-aigeann.

Eaglais na h-Alba

Bidh seirbheis shònraichte ann an Steòrnabhagh a-nochd far am faigh co-thionalan Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas cothrom air aontachd a shealltainn an aghaidh cho-dhùnaidhean an Àrd-Sheanaidh air càirdeas sìobhalta agus pòsadh eadar aon ghnè. Thuirt Clèir Leòdhais gu bheil làn-fhios aca gu bheil co-dhùnaidhean an Àrd-Sheanaidh air mòran san Eaglais a ghoirteachadh.

Taigh-spadaidh

Tha dòchas ann air taigh-spadaidh ùr anns an Eilean Sgitheanach an ceann beagan agus bliadhna. Chuala coinneamh ann am Port Rìgh an-raoir gu bheil a' bhuidheann a th' air cùl na sgeama ag amas air a' ghoireas ùr, a chosgas mu £2m, fhosgladh as t-Fhoghair an ath-bhliadhna.