Taghadh Cairteal Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNS

Thèid Baile Ùr an t-Sleibh an aghaidh Camanachd an Òbain sa Chairteal Chuairt mu dheireadh do Chupa na Camanachd.

Chaidh an taghadh a dhèanamh aig Oifisean a' BhBC ann an Glaschu Dimàirt agus tha fhathast ceithir sgiobaidhean bho dheas air fhàgail san fharpais, deagh naidheachd is a' Chuairt Dheireannach san Òban air an 19mh den t-Sultain.

Bidh co-dhiubh aon sgioba bho dheas san Iar Chuairt mu dheireadh is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a' cluich Inbhir Aora air an 11mh là deug den Iuchair, sin an aon là sa thèid na geamaichean eile sa Chairteal chuairt dheireannaich air adhart cuideachd.

An taghadh air fad.