Teàrlach Ceanadach air bàsachadh

Teàrlach Ceanadach
Image caption Bha Mgr Ceanadach na Bhall-Pàrlamaid airson Ros, An t-Eilean Sgitheanach gus Loch Abar bho 1983 chun an taghaidh choitchinn am-bliadhna.

Chaochail seann cheannard nan Libearalach Deamocratach, Teàrlach Ceanadach, na dhachaigh sa Ghearasdan, aois 55.

Thuirt na Poilis nach robh dad amharasach mu bhàs Mhgr Cheanadaich - a bha na Bhall-Pàrlamaid airson Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar fad 32 bhliadhna.

Bha Mgr Ceanadach na cheannard air na Lib-Deamaich bho 1999 gu 2006.

Chaill e a sheat san taghadh choitcheann am-bliadhna.

Cogadh Iorac

Thuirt a theaghlach gun robh a bhàs na "bhuile mhòr dha-rìribh" dhaibh, agus iad ag ràdh gur e sàr-dhuine a bh' ann, agus fear-poileataigs tàlantach.

Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Stiùir Mgr Ceanadach am pàrtaidh chun na buaidhe taghaidh a b' fheàrr bho 1923 ann an 2005, agus e air cur an aghaidh Cogadh Iorac dà bhliadhna roimhe.

Ach leig e dheth a dhreuchd tràth ann an 2006, an dèidh dha innse gu poblach gun robh e a' faighinn leighis airson trioblaid le deoch-làidir.

Thuirt Nick Clegg, a leigeas dheth a dhreuchd mar cheannard nan Lib-Deamach an ath-mhìos, gun robh, air deagh là, "barrachd thàlant poileataigeach ann an corrag Mhgr Cheanadaich na bh' aig a' chòrr againn còmhla".

"Thug Teàrlach a bheatha air fad do sheirbheis phoblaich, ach bha gibht sònraichte aige a thaobh a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn poileataigs le àbhachdas agus irisleachd, rud a thug buaidh air daoine fada nas fharsainne na saoghal na poileataigs.

"Bha e air fear den luchd-poileataigs as tlàithe, agus as somalta a b' aithne dhomh riamh, ach bha e cuideachd gu math misneachail, treun, gu h-àraid nuair a bhruidhinn e airson na dùthcha an aghaidh Cogadh Iorac."

Abrach

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Uisdean MacIllInnein, a bha eòlach air:

"'S e Abrach a bh' ann an Teàrlach. Cha bhuineadh e gu fìrinneach dhan Ghearasdan idir.

Bhuineadh e do theaghlach aig an robh eachdraidh gu math fada ann an sgìre Loch Abar, agus bhuineadh e do Chaol a' Ghearasdain, ri taobh Abhainn Lòchaidh, dìreach ri taobh a' chaisteil an sin, agus bha e uabhasach mothachail air an eachdraidh a bha sin aige, agus chuir mi eòlas air an uair sin ag obair aig an t-seann BhBC Highland, nuair a bha e dìreach air tighinn às na Stàitean na oileanach agus e a' deasachadh airson feuchainn dhan Phàrlamaid gun fhios aige dè bha roimhe.

Nuair a thòisicheas tu a' dol air ais cho fada sin agus nuair a chì thu, mar a bha Torcuil ag ràdh na choilean e agus nach do choilean e na bheatha, chan urrainn dhut sin innse ann am beagan mhionaidean air là mar seo.

'S e duine dàimheil a bh' ann, duine dealasach mar a thuirt Dòmhnall Moireasdan.

Duine dìreach cuideachd, agus duine air an robh ceann nach fhaic sinn ach ainneamh, agus bha e air a ghleus ann an dòigh phearsanta nach fhaic thu ach ainneamh ann an saoghal poileataigs."

Libearalachd

Thòisich beatha phoileataigeach Mhgr Cheanadaich anns a' Phàrtaidh Shòisealach Dheamocratach (SDP), agus b' e am Ball-Pàrlamaid a b' òige a bh' ann nuair a chaidh a thaghadh aois 23 a riochdachadh Rois, Chrombaidh agus an Eilein Sgitheanaich ann an 1983.

B' e labhraiche an SDP air tèarainteachd shòisealta, Alba agus slàinte, agus nuair a ghabh a' chuid as motha den phàrtaidh aige ri aonadh leis na Libearalaich, gus na Libearalaich Dheamocratach a chruthachadh ann an 1988, bha sreath de dhreuchdan na prìomh bheinge aige.

Ghabh e ceannas a' phàrtaidh thairis bho Paddy Ashdown ann an 1999.

An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, chùm Mgr Ceanadach sàmhach gu ìre mhòir. Cha do ghabh e dreuchd sam bith an lùib Riaghaltas na Co-bhanntachd, agus e air bhòtadh an aghaidh co-dhùnadh a phàrtaidh a dhol an lùib na co-bhanntachd leis an Tòraidhean.

A' sgrìobhadh ann an 2010, thuirt e gun robh an ceangal ris na Tòraidhean air "milleadh mòr a dhèanamh air oidhirpean fada gus am pàrtaidh a stèidheachadh air taobh clì-mheadhanach poileataigs, ris a bheil ceannardan ann an traidisean na Libearalachd, am fear seo nam measg, ag aontachadh" bho na 1950an.

Tro na 1990an choisinn Mgr Ceanadach cliù dha fhèin le a bhith a' nochdadh gu tric air an telebhisean - rud a dh'fhàg gur e "Chatshow Charlie" a bha daoine a' gabhail air, nach robh a' còrdadh ris idir.

Phòs e Sarah Gurling, a bha ag obair aig Camelot, ann an 2002, agus rugadh mac dhaibh ann an 2005.

Dhealaich an cupal ann an 2010.

Moladh farsainn

Tha daoine bho air feadh saoghal na poileataigs air luaidh a dhèanamh air Mgr Ceanadach.

Thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gun robh e "gu math brònach" ri linn na naidheachd. Sgrìobh e air Twitter: "B' e fear-poileataigs tàlantach a bh' ann a chaochail ro òg. Tha mo smuaintean le a theaghlach."

Thuirt ceannard eadar-amail nan Làbarach, Harriet Harman, gun robh a bhàs na chall mòr uabhasach, 's i ag ràdh gur e "duine tlachdmhor a bh' ann, le eanchainn gheur."

Thuirt Tony Blair, a bha os cionn a' cho-dhùnaidh Breatainn a chur an lùib Chogadh Iorac, a bha Mgr Ceanadach gu mòr an aghaidh, gun robh spèis mhòr dha duine a thòisich sa Phàrlamaid aig an aon àm ris fhèin, ann an 1983.

"'S e cùis-mhulaid dha-rìribh a tha seo. Bha e fad a bheatha na sheirbheiseach poblach àlainn, fìrinneach, agus dealasach.

"Mar cheannard air na Libearalaich Dheamocratach, dh'obraich sinn gu dlùth còmhla, agus b' e sàr-chuideachd a bh' ann an-còmhnaidh, le eanchainn bheothail, chruthachail."

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air Twitter: "Brònach gun fhaclan a' cluinntinn mu Theàrlach Ceanadach. Duine laghadh, agus fear den luchd-poileataigs a bu thàlantaiche a bh' ann na shaoghal. Ro òg."

Thuirt Am Morair Ashdown, a bha na cheannard air na Lib-Deamaich air thoiseach air Mgr Ceanadach: "Bha a chuid de thrioblaidean aige, mar a th' againn uile, ach nuair a bha e air ghleus, b' e a b' fheàrr a bha nar measg uile.

"B' e duine a bh' ann, saoilidh mi, a bha na shalmhla air àm diofraichte, agus nas tlachmhoire ann am poileataigs, nuair a bhruidhinn luchd-poiletaigs sa chumantas, cainnt nan daoine, agus a chùm ris na rudan san robh iad a' creidsinn. 'S e sin as coireach gun robh fèill cho mòr air."

Thuirt seann Bhall-Pàrlamaid Lib-Deamach eile, Vince Cable, gun robh "breithneachadh ciallach poileataigeach aige", agus "dànachd 's e fo ionnsaigh".

"Thug e stiùrieadh cha b' ann a-mhàin don phàrtaidh, ach don dùthaich, le a bhith a' cur an aghaidh Chogadh Iorac," thuirt e.