Corp an Loch a Tuath ga ainmeachadh

Bàta Mhgr Tyrrell Image copyright HM Coastguard
Image caption Bha seacaid-sàbhalaidh air Mgr Tyrrell nuair a chaidh a lorg.

Tha teaghlach an t-seòladair a chaidh fhaighinn marbh far chosta an ear Leòdhais Diciadain air a ràdh gu bheil iad air "fear-pòsta, athair agus seanair gràdhach" a chall.

Cha do thill Thomas Tyrrell an dèidh dha cidhe Bhrèibhig fhàgail ann an geòla beag a thog e fhèin madainn Dimàirt.

Chaidh lorg fhaighinn air sprùilleach a' bhàta aige Diciadain, agus air a chorp nas fhaide den là, faisg air làimh.

Bha seacaid-sàbhalaidh air nuair a chaidh a chorp a lorg.

Chuir Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh iomairt-teasairginn mhòr air dòigh an dèidh dhaibh fios fhaighinn bho chàirdean Mhgr Tyrrell mu 8:00f Dimàirt.

Thathas a' tuigsinn nach do dh'innis e càite an robh e a' dol, agus nach robh fòn-làimhe no rèidio leis sa bhàta.

Dh'fhoillsich na Poilis an teachdaireachd seo bhon teaghlach: "A-nis agus fios aig an teaghlach, tha sinn a' dearbhadh gun deach am fear-pòsta, athair agus seanair gràdhach againn a lorg marbh an dèidh iomairt air muir 's air tìr.

"Bu mhath leinn a dhèanamh soilleir gun robh seacaid-sàbhalaidh air Thomas nuair a chaidh a lorg.

"Tha sinn taingeil do na seirbheisean èiginn - na Maoir-Chladaich, an RNLI, Sgioba Teasairginn nan Eilean Siar, agus dha na Poilis airson na rinn iad gus Thomas a lorg."