Plèanaichean "ri cleasachd" an Inbhir Nis

Trì itealain os cionn Inbhir Nis Image copyright other
Image caption Chaidh dealbh a thogail den trì itealain os cionn a' bhaile, ach chan ann faisg air an drochaid.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean gun deach plèanaichean fhaicinn, mar a chaidh a chur, ri "cleasachd neo-oifigeil" aig Drochaid Cheasaig an Inbhir Nis.

Chaidh aithris gun robh trì plèanaichean ann agus gun do sgèith dhà aca fon drochaid.

Chaidh am faicinn mu 1:15f Dimàirt.

Tha dùil gur e plèanaichean-mara a bha annta.

Thuirt na Poilis gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn agus gun deach fios a chur gu Ùghdarras Sìobhalta an Adhair.