Eathar a dhìth far chosta Leòdhais

missing boat Image copyright HM Coastguard
Image caption Chaidh iarraidh air duine sam bith a chunnaic am bàta a tha a dhìth fios a chur chun nam maor-cladaich.

Tha iomairt theasairginn a' dol far chosta an ear Leòdhais feuch lorg fhaighnn air eathar a tha a dhìth.

Tha dùil gun do dh'fhàg am bàta, le aon duine air bord, Brèibhig san Loch a Tuath anns a' mhadainn Dimàirt.

Cha do dh'innis an duine a tha a dhìth càit an robh e a' dol agus chan eil radio no fòn-làimhe aige.

Tha am bàta gorm is dubh, trì meataran a dh'fhaid, agus tha motair oirre.

Chaidh a togail aig an taigh.

Bha heileacoptair, bata-teasairginn, na poilis agus maoir-chladaich a-muigh a' coimhead airson a' bhata Oidhche Mhàirt.

Bha an luchd-teasairginn ga shireadh gu 03:00m Diciadain, agus chaidh iad a-mach a-rithist às dèidh 08:30m.

Bu chòir do dhuine sam bith a chunnaic am bàta anns an 24 uairean a thìde mu dheireadh fios a chur gu Maoir-chladaich Steòrnabhaigh air 01851 702013.