Urchairean mòra an Cupa na Camanachd

Pàirc a' Bhucht
Image caption Bha Ceann a' Ghiuthsaich ro mhath do Ghleann Urchadain ann an cuairt dheireannach 2014.

Tòisichidh Ceann a' Ghiuthsaich an oidhirp dìon a chur air Cupa na Camanachd Disathairne is sgiobaidhean na Prìomh Lìge a' tighinn a-steach san treas chuairt den fharpais.

'S ann an aghaidh sgioba eile le eachdraidh làidir san fharpais a bhios iad is An Gearasdan a' cur fàilte orra aig an Àird.

Bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich an cupa an-uiridh 'son a' chiad uair bho 2006 is ged nach eil Raghnal Ros aca a-nise, tha iad ann an sunnd math an-dràsta is iad gun chall anns na còig geamaichean mu dheireadh aca.

Bidh iad gu sònraichte misneachail le mar a chluich iad Disathairne seo chaidh nuair a rinn iad a' chùis air Caol Bhòid 2-1, a' chiad turas a bha sgioba Thaigh na Bruaich air call ann am farpais sam bith am-bliadhna.

Bidh An Gearasdan cuideachd dòchasach gu leòr is iad fhèin ann an sunnd bho chionn treis às dèidh toiseach-tòiseachadh car doirbh dhan t-seusan.

Rinn iad an gnothach air Lòbhat 3-1 bho chionn seachdain, an treas geama a bhuannaich iad sreath ri chèile.

Bristeadh-dùil mòr

Chaill Gleann Urchadain 4-0 sa chuairt dheireannaich an-uiridh agus dh'fhaodadh gur e am bristeadh-dùil mòr sin gu ìre a bu coireach airson cho slaodach 's a thòisich iad seusan na lìge am-bliadhna.

Cuiridh iad fàilte air Inbhir Aora Disathairne is balaich a' Bhaile Rìoghaill iad fhèin sìos faisg air bonn na lìge.

'S iad an aon sgioba thuige seo am-bliadhna a rinn a' chùis air Bail' Ùr an t-Slèibh ach gu h-annasach b' e sin cuideachd an aon gheama a bhuannaich iad.

Choinnich Gleann Urchadain is Inbhir Aora an Druim na Drochaid san fharpais an-uiridh is bha iad co-ionnan a' dol a-steach dha na mionaidean mu dheireadh nuair a chuir an Gleann dà thadhal.

Cha bhiodh e na iongnadh an dearbh rud fhaicinn Disathairne; geama faisg is sgioba a' Ghlinne beagan ro làidir air a' cheann thall.

Ràinig Bail' Ùr an t-Slèibh mullach na Prìomh Lìge Disathairne seo chaidh is le àite aca cuideachd ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais 's ann a bhios iad gu math riaraichte le mar a chaidh an t-seusan thuige seo, gu h-àraidh leis gun robh iad tric às aonais chluicheadairean cudromach a bh' air an goirteachadh.

Tàmailteach

Thuirt an cluba aig toiseach an t-seusain gun robh iad gu mòr ag amas air Cupa na Camanachd is iad car tàmailteach 's dòcha nach do bhuannaich iad an fharpais ach dà thuras anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh aig àm nuair a tha grèim làidir air a bhith aca air a' Phrìomh Lìog.

Tha iad a' dol a Dhrochaid an Aonaichain Disathairne is ged a tha Loch Abar air togail orra gu math anns na seachdainean mu dheireadh - bho chaill iad 7-1 an aghaidh a' Bhaile Ùir aig toiseach an t-seusain gu dearbh - 's e iongnadh mòr a bhios ann mura h-eil sgioba Bhàideanach san ath-chuairt oidhche Shathairne.

Tha geama fìor inntinneach san amharc aig a' Chlachan Aillseach far an cuir Ceann Loch Seile fàilte air Caol Bhòid.

Thòisich sgioba Chailein Fhriseal an seusan gu làidir is bha iad mì-fhortanach dha-rìribh a dhol a-mach à Cupa MhicThàmhais 2-1 an aghaidh Bhail' Ùir an t-Slèibh bho chionn cola-deug.

B' e bristeadh-dùil mòr a bh' ann dhaibh mar sin gun do chaill iad 6-1 ris a' Bhail' Ùr san lìog Disathairne, is bidh iad gu mòr airson sin a chur air an cùlaibh nuair a thig sgioba Thaigh na Bruaich gu tuath.

Togail

Bidh Caol Bhòid fhèin feumach air togail às dèidh dhaibh call 'son a' chiad uair am-bliadhna ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Thog sin ceist às ùr mu na comasan aca ceann a' mhaide a chumail ri Bail' Ùr an t-Slèibh aig mullach na lìge fad seusain, ach chan eil ceist idir ann mu na 's urrainn dhaibh a dhèanamh anns na cupanan.

Tha coltas geama gu math fosgailte air a seo, is e glè dhoirbh tomhais a dhèanamh cò a thèid troimhe.

Bidh nàdar de dhearbaidh ann an Cill Tharghlain is Lòbhat a' cur fàilte air Cabair Fèidh.

Bidh làn-fhios aig sgioba Shrath Pheofhair air na comasan aig Caoimhinn Bartlett, fear de na balaich aca fhèin a tha an-dràsta ann an dathan Lòbhait, ach 's e dùbhlan mòr a bhios ann fhathast stad a chur air is air Greg MacMhathain.

Sa gheama eile bidh Meadhan Earra-Ghàidheal Ghlaschu aig an taigh an aghaidh Eilein Bhòid.

Leòdhasaich

Bidh an dà gheama eile san treas chuairt ann an ath-sheachdain is Inbhir Nis an aghaidh Camanachd an Òbain aig Pàirce Mossfield is na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh na Manachainn.

Tha geama aig dàrna sgioba an Eilein Disathairne ge-tà, is iad an aghaidh a' Ghearasdain aig Pàirc nan Laoch ann an Cupa Shrath Èireann.

'S e là mòr a th' ann do Chamanachd Leòdhais cuideachd is iad a' cluich aig an taigh 'son a' chiad uair air an t-seusan seo is Cabair Fèidh a' tighinn a chèillidh.

Tha dùil gum bi na Leòdhasaich às aonais Dhonnchaidh Mhic an t-Saoir, Innes MhicLaomainn , Sheumais Charity, Scott Mhoirich is Mìchael MhicLeòid ach tha Paddy Mac na Ceardaich an dòchas tilleadh.

'S e dùbhlan a bhios ann dha na Leòdhasaich an aghaidh na sgioba a tha an-dràsta aig mullach na lìge ach gheibh iad misneachd à mar a rinn iad a' chùis air Cabair Fèidh 3-0 an-uiridh.

Tòischidh an geama ann an Siabost aig 2:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile