Ceannard Foghlaim ùr aig CneS

Tha stiùiriche ùr air Roinn Foghlaim agus Seirbheisean Cloinne aig Comhairle nan Eilean Siar.

Tha Bernard Siolasach a' gabhail na dreuchd a bh' aig Peadar Carpenter, a th' air gluasad gu obair ùr ann am foghlam san Ear-Mheadanach.

Tha Mgr Siosalach an-dràsta os cionn sheirbheisean cloinne na Comhairle.

Bha e cheana ann an diofar dhreuchdan co-cheangailte ri foghlam aig a' Chomhairle.