Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Westminster

Tha a' Bhàn-righ a' fosgladh seisein ùir Pàrlamaid an-diugh 's a h-òraid an ceann uair de thìde a' foillseachadh plana an Riaghaltais airson na bliadhna ri tighinn. Bidh dearbhadh ann air referendum airson fuireach no falbh às an Aonadh Eòrpach, agus bile air tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba. Ach thèid maill air molaidhean connspaideach airson reachdais ùir Bhreatannaich an àite Achd Eòrpach nan Còirichean Daonna leis gu bheil na Tòraidhean den bheachd nach fhaigheadh sin taic gu leòr airson a stèidheachadh mar lagh.

Bile Fèin-Mharbhaidh

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba a' bhòtadh an-diugh air bile a bheireadh cead do dhaoine air a bheil tinneas nach gabh leigheas cuideachadh fhaighinn gu làmh a chur nam beatha fhèin. Tha am ball Uaineach, Pàdraig Harvey, a' cur a' bhile air adhart an dèidh bàs a charaid neo-eisimeilich anns a' Phàrlamaid, Margo NicDhòmhnaill, a rinn iomairt mhòr airson atharrachadh san lagh.

Iomairt Teasairginn

Tha luchd-teasairginn ann an Leòdhas a' coimhead an-diugh a-rithist airson fear a chaidh a-mach ann an geòla bheag anns an Loch a Tuath. Dh'fhalbh an duine à cidhe Bhrèibhig aig 07:00m an-dè, agus chuir a theaghlach fios air na seirbheisean èiginn an-raoir. Cha do dh'innis e càite an robh e a' dol, agus chan eil rèidio no fòn-làimhe aige.

FIFA

Thòisich luchd-casaid anns an Eilbheis a' rannsachadh FIFA mun dòigh san deach Farpais Bhuill-Choise na Cruinne ann an 2018 a thoirt dhan Ruis, agus an fharpais ann an 2022 a thoirt do Qatar. Tha seo a' cur ris an trioblaid aig FIFA an dèidh do phoilis ann an Zurich àrd-oifigich aig FIFA a chur an grèim nas tràithe an-diugh fo amharas ann an cùis eile far a bheil na h-ùghdarrasan ann an Aimeireaga a' rannsachadh chasaidean coirbteachd. Chan eil Ceann-Suidhe FIFA, Sepp Blatter, am measg na tha an grèim.

Imrich

Tha dùil ri fios bho Choimisean na h-Eòrpa an-diugh mun phlana chonnspaideach airson àite-còmhnaidh a thoirt do mhìltean a rinn in-imreachd às an Ear-Mheadhanach agus Afraga. Tha e coltach gun deadh mu 40,000 in-imreach a roinn air feadh dùthchannan an AE. Thuirt Breatainn mar thà nach gabh iad gnothach ris an sgeama sin.

An Gearasdan

Tha poilis anns a' Ghearasdan a' rannsachadh bàs fireannaich an dèidh dhaibh corp fhaighinn air a' bhlàr-a-muigh ann an sgìre na h-Àirde sa bhaile. Thuirt na Poilis nach eil iad amharasach mun chùis ged a tha iad ag iarraidh fiosrachaidh mun duine, a bha faisg air 60 bliadhna de dh'aois agus a bha a' fuireach gun dachaigh stèidhichte san sgìre bho chionn ghoirid.