Bòrd-slàinte toilichte le sanas Duidseach

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha NHS na Gàidhealtachd toilichte le iomairt fasdaidh ùr.

Thuirt Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad air am misneachadh leis na freagairtean a fhuair iad thuige seo à iomairt gus luchd-obrach às an Òlaind fhastadh.

Dh'innis Bòrd na Slàinte aig toiseach na mìos gun robh iad air sanasan a chur ann am pàipear-naidheachd san Òlaind ann an oidhirp luchd-obrach slàinte san dùthaich a thàladh a dh'Alba.

Thuirt am Bòrd gun robh obraichean ùra gan cruthachadh ri linn 's gu bheil iad a' leudachadh an luchd-obrach aca.

Tha duilgheadasan air a bhith aca o chionn ùine cuideachd luchd-obrach fhastadh ann an sgìrean dùthchail.

Tarraingeach

Shaoil iad, le seirbheisean adhair cunbhalach eadar Amsterdam agus Inbhir Nis, gur dòcha gum biodh an sgìre tarraingeach do luchd-obrach slàinte às an Òlaind.

Tha e coltach gun robh iad ceart is iad ag ràdh a-nise gu bheil sianair às an Òlaind air fios a chur orra bho chuir iad an t-sanas sa phàipear.

Thuirt am Bòrd-Slàinte gun robh dotair teaghlaich le eòlas air obair ann an sgìrean dùtchail nam measg, agus gu bheil iad an dòchas cuideigin a chur ann an dreuchd an ceartuair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh