Mìneachadh ga shireadh mun Isle of Lewis

Loch Seaforth
Image caption Tha cuid air gearain gun robh an Loch Seaforth cho trang bho chionn ghoirid is nach robh àite ann 'son chàraichean a bharrachd.

Dh'iarr ball-pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster air Caledonian Mac a' Bhriuthainn innse dè an slat-tomhais a th' aca airson co-dhùnadh am bu chòir an Isle of Lewis a chur air ais air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Thuirt Aonghas Brianan MacNìll gun d' fhuair e fios gu bheil e air fàiligeadh air luchd-siubhail na càraichean aca fhaighinn air an Loch Seaforth is i loma-làn.

Thuirt am BP gum bi an leithid a' tachairt air cuid de shlighean aig amannan fìor thrang den bhliadhna ach nach bu chòir trioblaid a bhith ann air slighe Steòrnabhaigh an-dràsta leis gu bheil an Isle of Lewis ceangailte aig a' chidhe.

Bu chòir a cur gu feum, tha e ag ràdh.

"S e mo thuigse ma bha fios làithean no seachdainnean ron àm gun robh seòladh a' dol a bhith làn gum biodh feum air a dhèanamh den Isle of Lewis", thuirt Mgr MacNìll.

"Trì chairteal làn"

"Feumaidh sinn cuimhneachadh, gu math tric tha Cal Mac ag ràdh ri daoine gu bheil na h-aiseagan aca làn an uair tha iad trì chairteal làn.

"S e rud math a tha siud air aon argamaid ma tha thu anmoch no ma tha èiginn teaghlaich ann tha teans gum faigh thu air aiseag, ach air an làimh eile, airson na h-eaconamaidh agus airson turasachd, chan eil e cho math sin oir chan eil an leithid a dh'fhaodadh faighinn dhan eilean idir.

"Tha diofar slatan-tomhais an sin agus 's e sin a tha sinn a' feuchainn ri faighinn seachad air an t-Samhradh a tha seo le dà aiseag a bhith rim faighinn co-dhiù, gum biodh an Isle of Lewis ri faighinn ma bha feum oirre.

"Chan eil e cinnteach dè an slat-tomhais a tha a' toirt orra seòladh a dhèanamh", thuirt e.

Dh'iarr am BBC beachd bho Chal Mac air a' ghnothach is tha sinn a' feitheamh freagairt bhuapa.

Thuirt labhraiche do Chal Mac: "Chùm sinn na h-uimhir de choinneamhan o chionn ghoirid le buidhnean luchd-cleachdaidh aiseagan ann an Leòdhas, air thoiseach air an MV Loch Seaforth a bhith a' tòiseachadh, agus an obair gus an t-alt-aiseig aig Cala Ulapuil a leasachadh.

"Mu choinneamh dragh mu cho trang 's a bhiodh an aiseag aig àirde an t-seusain, dh'aontaich Còmhdhail Alba MV Isle of Lewis a chumail air an t-slighe gus dà sheòladh a bharrachd gach taobh san t-seachdain a dhèanamh bhon 26mh an t-Ògmhios chun an 29mh an Lùnastal, a tha a-nis air a' chlàr-ama agus fosgailte do luchd-siubhail.

"Tha sinn cuideachd, airson a' chiad turais, a' cur seòlaidhean stèidhichte a bharrachd air dòigh am-bliadhna gus dèiligeadh ris na tha an dùil a nì air Steòrnabhagh airson Fèis Cheilteach Innse Gall, agus Rally Hebrides.

"A thuilleadh air seo, bidh an MV Loch Seaforth a' giùlain 29 carbadan a bharrachd na bhios an MV Isle of Lewis, leudachadh mòr air na ghabhadh a ghiùlain an-uiridh.

"Bidh sinn fhathast a' cumail sùil air na tha de luchd-siubhail a' cleachdadh na slighe seo thar an t-Samhraidh, feuch a bheil na tha sinn a' dèanamh gu leòr airson dèiligeadh ris na draghan a chaidh a thogail," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile